"Freagairt thogarach" ri iomairt #gachlatha

- Air fhoillseachadh
Thuirt Bòrd na Gàidhlig gun d' fhuair iad freagairt thogarrach ris an iomairt ùr aca #gachlatha 's iad a-niste a' cur litrichean gu còrr air 300 fastaiche air feadh Alba ag iarraidh orra a' Ghàidhlig a chleachdadh sa chonaltradh aca.
Tha grunnan bhuidhnean aithnichte air an taic a chur ris an iomairt mar-thà, nam measg Seòmraichean Malairt na h-Alba, Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Seòmar Malairt Inbhir Nis.
Gheibh buidhnean poblach - a h-uile ùghdarras ionadail san dùthaich nam measg - gnothachasan prìobhaideach agus buidhnean carthannais fiosrachadh mu mar a dh'fhaodas iad an cànan a bhrosnachadh, agus misneachd a thoirt don luchd-obrach aca aig a bheil i a cur gu feum.
Chaidh an iomairt fhoillseachadh an t-seachdain a chaidh, agus 's ann an-diugh a tha na litrichean gan cur a-mach.

Thathas ag amas air luchd-labhairt aig a h-uile ìre a mhisneachadh gus an cuid Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachaidhean làitheil, air-loidhne agus anns an àite-obrach.
Tha luchd-labhairt a' chànain air a bhith a' cleachdadh #gachlatha air na meadhanan-sòisealta bho chaidh an iomairt a chur air bhonn Diardaoin.
"Tha sinn air ar dòigh glan leis an fhreagairt thogarrach a fhuair iomairt Gach Latha bho thòisich e o chionn beagan làithean," thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Ealasaid Dhòmhnallach.
"Cuiridh sinn seachad na làithean, seachdainnean agus na mìosan a tha romhainn a' brosnachadh uiread de dhaoine 's de bhuidhnean 's a ghabhas a thighinn còmhla rinn nar n-iomairt."
Thuirt Ms Dhòmhnallach gu bheil am Bòrd an dòchas gum bi luchd-ionnsachaidh agus fileantaich aig a h-uile ìre air am misneachadh 's nas cofhurtaile ga cleachdadh ri linn na h-iomairt.
"Bidh sinn a' cur ìmpidh air luchd-fastaidh anns a h-uile roinn beachdachadh air mar a dh'fhaodas iad cur ri iomairt Gach Latha, agus tha Bòrd na Gàidhlig deiseil is deònach cuideachadh le pròiseactan sam bith a bhrosnaicheas cleachdadh na Gàidhlig ann an Alba," thuirt Ms Dhòmhnallach.