Chaidh còrr is 150 maoim-sneachda a chlàradh an Alba air a' gheamhradh seo

Maoim-sneachda air Creag MeagaidhTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Maoim-sneachda aig bonn gile air Creag Meagaidh ann an Loch Abar

  • Air fhoillseachadh

Tha Seirbheis Fiosrachaidh Mhaoimtean-Sneachda na h-Alba, taobh a-muigh (SAIS) ag ràdh gun deach a thrì uimhir de mhaoimtean-sneachda a chlàradh air beanntan na dùthcha bho thoiseach a' gheamhraidh seo na chaidh a chlàradh uile gu lèir an-uiridh.

Chaidh an àireamh a bu lugha de mhaoimtean-sneachda a chlàradh leis an t-seirbheis tro mhìosan a' gheamraidh aig deireadh 2024 agus toiseach 2025 on thòisich iad air clàran a chumail.

Tha iad ag ràdh gun deach 150 maoim-sneachda a chlàradh air an t-seusan seo, còrr is 100 sa mhìos a dh'fhalbh a-mhàin.

Tha cur an t-sneachda agus gaoth mhòr a' fàgail gu bheil cunnart nas motha ann gun tachair maoim-sneachda sna h-àitichean as motha a tha a' tàladh shreapadairean.

Tha SAIS a' toirt rabhadh gu bheil "fìor" chunnart ann bho mhaoimtean-sneachda sa Mhonadh Ruadh, Creag Meagaidh agus Loch Abar.

Na bu tràithe air an t-seachdain seo, thuirt Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair gun tàinig iad tarsainn air maoim-sneachda ann an sgìre Allt Dearg de Bheinn Nibheis nuair a bha iad an sàs ann an iomairtean cobhair.

Tha na th' air a bhith ann de shneachda na adhbhar togail do dh'ionadan-sgìthidh na h-Alba, ged a tha dùil ri sìde rud beag nas blàithe air an deireadh-sheachdain.

Tuilleadh air an sgeulachd seo