Spòrs sneachda: an geamhradh as fheàrr ann an sia bliadhna

- Air fhoillseachadh
Tha ionadan spòrs geamhraidh na h-Alba ag ràdh gu bheil an seusan as fheàrr ann an sia bliadhna air a bhith aca am-bliadhna.
Tha ionad Ghleann Sìth air a bhith fosgailte bho dheireadh na Dùbhlachd 2025 agus thuirt iad gu bheil cùisean air a bhith "mìorbhaileach" thar na trì seachdainean mu dheireadh.
Thuirt ionad Ghleann Comhainn gur e seo an seusan as fheàrr a th' air a bhith aca bho àm Chovid agus thuirt ionad a' Chàirn Ghuirm gur i "bliadhna sgoinneil" a th' air a bhith ann thuige seo.
Tha an sneachd cuideachd a' ciallachadh ge-tà, gu bheil cunnart a bharrachd ann bho mhaoimtean-sneachda ann an cuid de bheanntan na h-Alba. Chaidh cha mhòr 100 a chlàradh thairis air a' mhìos mu dheireadh.
Chaidh rabhaidhean fhoillseachadh airson beanntan a' Mhonaidh Ruaidh, Creag Meagaidh agus Loch Abar.
Tha sneachd agus aimsir chiùin o chionn ghoirid a' ciallachadh gun deach aig gach ionad spòrs geamhraidh ann an Alba air fosgladh airson spòrs sneachda.
Thuirt Andy Meldrum o ionad Ghleann Comhainn gun robh còrr air 1,000 luchd-sgithidh agus mu 600 luchd-sleidsidh aca Dimàirt 17mh den Ghearran.
Thuirt àrd-stiùiriche ionad Ghleann Sìth Daibhidh Farquharson gun robh cùisean air tighinn ri chèile aig deagh àm - le sgoilearan far na sgoile airson grunn làithean sa Ghearran.
"Air an là as trainge againn, tha 2500 air tadhal oirnn. Tha sin tòrr nas fheàrr na àm sam bith eile o bha sinn dùinte air sàileibh Covid," thuirt e.
Thuirt e cuideachd gun deach aca air mòran shlighean fhosgladh agus gun robh sin a' ciallachadh gum feumadh iad tòrr a bharrachd luchd-obrach - eadar 60 is 70 an taca ri 15 gu h-àbhaisteach.

Thuirt ionad a' Chairn Ghuirm faisg air an Aghaidh Mhòir gu bheil iad fàilte a chuir air 23,000 luchd-sgithidh o dh' fhosgail iad air an 21mh den t-Samhainn.
Thuirt neach-labhairt gu bheil 68 là de spòrs sneachda air a bhith aca on uairsin agus gu bheil an sgioba aca air a' bheinn air a bhith ag obair o mhoch gu dubh airson na goireasan a chumail a' dol.
Tha Ionad Nibhis faisg air a' Ghearasdan agus an Lecht ann an Siorrachd Obar Dheathain cuideachd air a bhith fosgailte.
Nas tràithe an t-seachdain sa thuirt Sgioba Teasargain Bheanntan Loch Abair gun do lorg iad maoim-sneachda ann an sgìre An Uillt Ruaidh air Beinn Nibhis fhad's a bha iad a' dèanamh cobhair air daoine air a' bheinn.