Seusan maoim-sneachda neo-àbhaisteach ri linn gainnead sneachda

Dithis ann an Coire an t-Sneachda, ann an Ceann a Tuath a' Mhonaidh Ruaidh na bu thràithe air an t-seachdain seo
- Air fhoillseachadh
Thuirt an t-seirbheis a bhios a' cumail fiosrachaidh ri daoine mun chunnart bho mhaoimtean-sneachda ann an Alba, gu bheil gainnead sneachda a' ciallachadh gu bheil geamhradh gu tur neo-àbhaisteach air a bhith aca am-bliadhna.
Mar as trice mun àm seo den t-seusan bidh eadar 100 agus 150 maoim-sneachda air a chlàradh aca. Ach thuige seo cha do chlàr iad ach beagan a bharrachd air 20.
Bidh Seirbheis Fiosrachaidh Maoim-sneachda na h-Alba, an SAIS, a' cumail sùil air sia sgìrean monaidh eadar meadhan na Dùbhlachd agus meadhan a' Ghiblein.
'S iad sin Loch Abar, Gleann Comhann, Creag Mèagaidh, Toirbheartan, Ceann a Tuath a' Mhonaidh Ruaidh agus Ceann a Deas a' Mhonaidh Ruaidh.
Bidh iad a' foillseachadh aithrisean làitheil air na cunnartan a dh'fhaodadh a bhith ann bho mhaoimtean-sneachda.
Tha iad ag ràdh gur e seo an Geamhradh as neo-àbhaistich a tha air a bhith aca bho thòisich iad faisg air 40 bliadhna air ais.
Maoim-sneachda "slaodach" air Beinn Nibheis air a chlàradh sa Chèitean 2021
A reir co-òrdanaiche na seirbheis, Mark Diggins, seo a' chiad turas ann am faisg air 20 bliadhna, bho bha amannan ann nuair nach robh aithrisean làitheil gam foillseachadh.
"San Fhaoilleach bha mu sheachdain ann nuair nach do dh'fhoillsich sinn aithrisean.
"Tha an sneachda air a bhith gu math 'tana' air a' Gheamhradh seo.
"Cho luath 's a thig sneachda thig aimsir nas blàithe agus tha an sneachda a' falbh gu math sgiobalta," thuirt e.
Tha Mgr Diggins den bheachd gur e atharrachadh na gnàth-shide as coireach.
Chuir e ìmpidh air daoine a bhith air am faiceall fhathast agus a bhith mothachail gum faodadh maoimtean-sneachda tachairt agus gum faodadh an aimsir atharrachadh nuair a tha iad a-muigh.
Tha aithrisean an SAIS gan cleachdadh le luchd-coiseachd agus sreap agus le daoine a bhios ri spòrs sneachda - a thuilleadh air sgiobaidean teasairginn beinne nuair a thèid iadsan an gairm a-mach.