A' chiad chosnadh aig Cultarlann Inbhir Nis

Bidh Dòmhnall Morris ag obair ceithir là san t-seachdain, agus Susanne NicDhòmhnaill ag obair a' chòigeimh là
- Air fhoillseachadh
Tha Cultarlann Inbhir Nis air a' chiad dreuchd làn-ùine aca a lìonadh, 's dithis a' roinn obrach oifigeir leasachaidh.
Thuirt a' bhuidheann gur e ceum mòr air adhart a th' ann dhan phròiseact aca.
'S e Dòmhnall Morris agus Susanne NicDhòmhnaill a bhios a' roinn na h-obrach, le Mgr Morris a' dèanamh ceithir là san t-seachdain, le Susanne ag obair air a' chòigeamh là.
Fhuair an Cultarlann taic bho Bhòrd na Gàidhlig airson an dreuchd a mhaoineachadh.
Tha Dòmhnall Morris air a bhith an sàs fad grunn bhliadhnaichean ann am foghlam air a' bhlàr a-muigh tro mheadhan na Gàidhlig le Spòrs Gàidhlig.
Tha eòlas farsainn aige ann a bhith ag obair còmhla ri coimhearsnachdan agus daoine òga air feadh na h-Alba.
Dh'ionnsaich e a' Ghàidhlig ach an tuigeadh e ainmean-àite 's e a' coiseachd nam beann.
Cultarlann deiseil is dìonach
- Air fhoillseachadh1 An Dùbhlachd 2025
Obair-leasachaidh air Cultarlann Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh5 Am Màrt 2025
Adhartas aig Cultarlann Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh5 Am Màrt 2025
Thuirt e gu bheil e ag amas air an Cultarlann a dhèanamh "na àite fàilteachail do Ghàidheil ann an Inbhir Nis agus o air feadh na Gàidhealtachd 's na h-Alba gu lèir".
"Feumaidh mi a dhèanamh soirbheachail gu coimeirsealta - a thuilleadh air gu sòisealta agus a thaobh foghlaim - agus tha mi a' dèanamh fiughair ri sin," thuirt e.
Bidh e ag amas air ceangal a dhèanamh le ionadan agus pròiseactan cultarail eile na Gàidhlig air feadh na h-Alba.
Buinidh Susanne NicDhòmhnaill do Chataibh, ach coltach ri Dòmhnall tha i a' fuireach ann an Inbhir Nis.
Tha i air a bhith an sàs ann an leasachadh na Gàidhlig o chionn ùine, agus tha i air a bhith an sàs gu mòr ann an leasachadh a' Chultarlainn thuige seo.
Thuige seo 's iad saor-thoilich a th' air a bhith a' ruith a' Chultarlainn, agus thuirt cathraiche an ionaid, Maggie Mulholland, gum bi e na chuideachadh mòr daoine a bhith ag obair làn-ùine air.
Dh'fhosgail an Cultarlann às ùr bho chionn beagan sheachdainean às dèidh obair-leasachaidh air mullach an togalaich.
Bidh e fosgailte a-nise airson grunn mhìosan le dùil an uairsin gun dùin e a-rithist sa chairteal mu dheireadh de 2026 airson obair a bharrachd na bhroinn.