Cultarlann deiseil is dìonach

Cultarlann Inbhir Nis
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh na h-uimhir de thachartasan gan cumail sa Chultarlann thairis air an Nollaig

  • Air fhoillseachadh

Tha Cultarlann Inbhir Nis deiseil airson tachartasan a chumail agus a' chiad ìre de dh'obair-leasachaidh air a crìochnachadh.

Bidh pantomime agus fèill Nollaige aca ro dheireadh na bliadhna.

Fhuair Cultarlann na h-iuchraichean airson na dachaigh ùire aca ann an seann Eaglais an Ear air Sràid na h-Acadamaidh tràth ann an 2024.

Às dèidh grunn thachartasan a chumail, ghluais iad a-mach nas tràithe am-bliadhna is feum air obair riatanach a dhèanamh air an togalach.

"Chaidh mullach an togalaich a chàradh, bha tòrr de dh'obair ri dhèanamh air sin," thuirt Murchadh Caimbeul bho bhòrd a' Chultarlainn air Aithris na Maidne Diluain.

"Chaidh a uair sin lìnigeadh a chur air a chumas an teas a-staigh 's an fhuachd a-muigh, agus chaidh na ballaichean air fad a chàradh air an taobh a-muigh."

Chaidh là mòr glanaidh a chumail air an deireadh-sheachdain airson taobh a-staigh an togalaich a chur air dòigh.

Nochd sgioba dhòigheil gus an t-àite a sgioblachadh air thoiseach air na tachartasan a bhios aca anns na seachdainnean is mìosan ri thighinn.

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 6, Obair sgioblachaidh aig Cultarlann Inbhir Nis, Bha là trang sgioblachaidh ann Disathairne. Taing mhòr do Chultarlann Inbhir Nis airson nan dealbhan seo

Ged a tha tòrr obrach fhathast a dhìth a-staigh, tha cothrom ann mus dùin an togalach a-rithist airson sin feum a dhèanamh dheth.

"Tha mi a' creidsinn gun ruith sinn, aig an àm seo den bhliadhna suas gu, chanainn, an cairteal mu dheireadh den ath-bhliadhna mus dùin sinn a-rithist," thuirt Murchadh.

"Tha againn ri airgead a chruinneachadh airson seo co-dhiù, agus chan eil e againn an-dràsta."

Tha dùil aig a' Chultarlann a bhith fosgailte fad an t-samhraidh an ath-bhliadhna, le cothrom aig muinntir an àite agus luchd-turais tadhal a-steach.

"Chan eil sinn buileach fosgailte gach là aig an ìre seo, ach 's e ar beachd gum bi nuair a gheibh sinn suas dhan ath-bhliadhna," thuirt Murchadh.

"Na rudan a tha sinn am beachd a dhèanamh, 's e gun cuireadh sinn cuirmean air, rudan a chì, can luchd-turais feadh an là agus air an oidhche cuideachd.

"Tha sinn am beachd àite a dhèanamh far a bheil teatha is cofaidh agus beagan ri ithe cuideachd.

"Agus cuideachd bùth a bhith againn le stuth a tha sinn a' reic. Bidh seo, tha mi a' creidsinn, a' chuid as motha dheth, airson luchd-turais."

Gheibhear fiosrachadh mu na tha a' dol aig a' Chultarlann air an làraich-lìn aca., taobh a-muigh