Seann eaglais an Inbhir Nis gu bhith na Ionad Gàidhlig

Luchd-iomairt Cultarlann na Gàidhlig
  • Air fhoillseachadh

Tha a h-uile coltas ann gun tèid ionad Gàidhlig a stèidheachadh ann am fear de na togalaichean as eachdraidheil ann an Inbhir Nis.

Dhearbh luchd-iomairt Cultarlann Cultar agus Cànan na Gàidhlig gun do rinn iad aonta le Eaglais na h-Alba gus Eaglais an Ear air Sràid na h-Acadamaidh a cheannach.

Eaglais an Ear, Inbhir NisTùs an deilbh, Geograph/Kenneth Allen
Fo-thiotal an deilbh,

Tha còrr agus 200 bliadhna on thogadh Eaglais an Ear an Inbhir Nis

'S e àite a bhiodh ann far an dèadh an cànan agus an cultar a bhrosnachadh, agus far an gabhadh coimhearsnachd Ghàidhlig a' bhaile a thoirt còmhla.

Thuirt Cathraiche Chultarlann Inbhir Nis, Mairead Mulholland gun robh iad air leth taingeil dha na ceudan dhaoine a thug airgead dhaibh airson na h-iomairt.

"Gu sìmplidh cha bhiodh sinn far a bheil sinn an-diugh às aonais an taice, agus tha sin a' nochdadh gu soilleir na tha cànan agus cultar na Gàidhlig a’ cur ri Inbhir Nis agus a’ Ghàidhealtachd gu sòisealta agus gu h-eaconamach.”

Luchd-iomairt Cultarlann na Gàidhlig
Fo-thiotal an deilbh,

Tha strì air a bhith a' dol fad ùine mhòir airson Cultarlann Gàidhlig a stèidheachadh an Inbhir Nis

Fhuair iad cuideachd taic bho Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, Maoin Mathas Coitcheann Inbhir Nis, Maoin Dualchais Ailtireachd agus Enterprise Scotland.

Thuirt neach-labhairt Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean: “Bheir an t-ionad Gàidhlig àite far an urrainn do luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig de gach aois coinneachadh, tlachd fhaighinn, comharrachadh agus taisbeanadh a h-uile rud mun chànan is mun chultar.

Luchd-iomairt Cultarlann na Gàidhlig
Fo-thiotal an deilbh,

An cruinneachadh far an deach iomairt togail-airgid a chur air chois

Chaidh Eaglais an Ear a thogail ann an 1798 agus dhùin i air an 5mh den Mhàrt am-bliadhna.

Bha seirbheisean Gàidhlig gan cumail innte airson 60 bliadhna.

Bha Dòmhnall Mac a’ Phiocair na Chlèireach Seisein aig an eaglais sna bliadhnaichean mus do dhùin i.

“Tha sinn toilichte leis na h-amasan aig a' Chultarlann airson an togalaich agus chan eil teagamh ann gum bi ionad a bhios a’ brosnachadh cultar agus cànan nan Gàidheal na bhuannachd dhan bhaile agus tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas dhan luchd-seilbhe ùr.”

Thathas an dùil gum bi an t-ionad a’ gabhail a-steach cafaidh le cuspair cànan is cultar na Gàidhlig, àiteachan teagaisg, cuirmean, cèilidhean, tachartasan, taisbeanaidhean agus bùth airson stuthan Gàidhlig a reic.

Gheibhear fiosrachadh a bharrachd an seo. , taobh a-muigh

Tuilleadh air an sgeulachd seo