Fireannach marbh às dèidh tubaist-rathaid an Loch Abar

- Air fhoillseachadh
Chaochail dràibhear motar-baidhg às dèidh tubaist rathaid ann an Loch Abar an t-seachdain seo chaidh.
Thachair an tubaist, anns nach robh carbad sam bith eile an sàs, air an A861 aig Ceann Loch Mùideart goirid ro 6:00f Diardaoin.
Chaidh fireannach aois 60 a thoirt gu Ospadal Oilthigh na Bànrigh Ealasaid ann an Glaschu ach chaochail e bhon uairsin.
Thuirt Poileas Alba gun deach fios a chur air a theaghlach agus gu bheil an rannsachadh aca mun tubaist a' leantainn.
Tha iad ag iarraidh air duine sam bith a bh' anns an sgìre aig an àm, a chunnaic am motar-baidhg dubh Honda VFR800, no aig a bheil dealbhan dashcam, fios a chur thuca.