Conaltradh poblach aig Urras Cheann a Tuath na Hearadh

'S e taigheadas agus gu seachd àraid an cruaidh fheum a th' ann son taighean ùra an rud as motha a th'air tighinn am follais san chonaltradh poblach aig Urras Cheann a Tuath na Hearadh.

Tha an t-urras a' cumail choinneamhan an-dràsda ag innse mu an cuid obrach agus gus beachdan na coimhearsnachd fhaighinn mu dè bu mhiann leothasan fhaicinn.

Tha an aithris seo aig Ruairidh Rothach.