Dithis fo chasaid ann an co-cheangal ri bàs ann an Inbhir Nis

- Air fhoillseachadh
Chaidh dithis fhireannach a chur fo chasaid ann an co-cheangal ri bàs ann an Inbhir Nis.
Bha na seirbheisean-èiginn air an gairm gu Rathad Bhaile an Lòin mu 08:25m an dèidh aithris gun robh triùir fhireannach air an goirteachadh.
Chaidh dithis a thoirt don ospadal le Seirbheis Ambaileans na h-Alba agus rinn an treas duine a shlighe fhèin ann.
Chaidh aon duine a ghairm marbh aig an ospadal.
Fhuair an dithis eile, a tha 21 agus 38, leigheas san ospadal mus deach an cur an grèim.
Tha dùil gun nochd iad ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis san ùine ri teachd.
Thuirt Poileas Alba gu bheil an rannsachadh aca a' leantainn agus gum bi barrachd oifigearan-poilis an làthair san sgìre sna làithean ri thighinn.