Cosgaisean càraidh aig CalMac a sìor èirigh
- Air fhoillseachadh

Tha CalMac ag ràdh gu bheil na cosgaisean càraidh air na bàtaichean aiseig aca air a dhol suas 70% ann an còig bliadhna.
Tha sin ri linn aois nam bàtaichean, agus dàil ann le bàtaichean ùra fhaighinn a-steach dhan lìonra.
Thuirt a' chompanaidh ron seo gun robh iad a' cur £5m a bharrachd ri obair chunbhalach air na bàtaichean aca, le iad sin gu bhith a' cosg ùine a bharrachd ann an doca-tioram ann an oidhirp dèanamh cinnteach nach bi iad a' briseadh cho tric.
Obair-càraidh
Leis an treas cuid de na bàtaichean aig CalMac còrr air 30 bliadhna de dh'aois, thuirt iad gur e bàtaichean ùra fhaighinn an aon dòigh air an t-seirbheis a dhèanamh nas seasmhaiche.
Tha an MV Caledonian Isles cha mhòr 30 bliadhna de dh'aois agus tha i anns an doca-thioram an dràsta airson cola-deug.
Thèid còrr is £1m de dh'obair-càraidh a dhèanamh oirre agus bidh luchd-obrach aig Dales Marine Dry Dock ann an Grìanaig ag obair 18 uair san là fad na bliadhna 'son seirbheisean a thoirt seachad.
Mar as trice tha dùil gum mair bàta eadar 25 agus 30 bliadhna, ach tha bàtaichean ChalMac a nise anns a' chumantas 24 bliadhna de dh'aois agus mar sin feumach air ionmhas nas motha airson obair-càraidh riatanaich.
Thuirt Ceannard Cùisean Teicnigeach aig CalMac, Richard Colley, gum feum iad coimhead às dèidh nan seann bhàtaichean.
Uaireannan, thuirt e, tha duilgheadasan aca pàirtean fhaighinn a tha freagarach air an son, agus fiù 's aig amannan feumar pàirtean a dhèanamh a dh'aona-ghnothaich dhan t-soitheach.