CalMac a' sireadh airgid-dìolaidh 'son cosgaisean càraidh

Caley IslesTùs an deilbh, Christopher Brindle
  • Air fhoillseachadh

Tha Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' feuchainn ri na mileanan notaichean a chosgadh air obair-chàraidh air an Caledonian Isles fhaighinn air ais.

Tha an soitheach, as àbhàist a bhith air an t-slighe eadar Brodaig an Eilean Arainn agus Àird Rosain, air a bhith a-mach à seirbheis bhon Fhaoilleach 2024.

Bha obair-chàraidh shònraichte a dhìth oirre aig Gàrradh Cammell Laird faisg air Liverpool.

Bha dùil gun cosgadh an obair a bha a dhith air a' Chaley Isles, a tha 32 bliadhna a dh'aois, mu £5m ach tha na chaidh a chosg oirre o nuair sin air èirigh gu £11m.

Tha an t-suim sin faisg air cairteal de na chosg CalMac gus an cabhlach air fad a chumail aig ìre an-uiridh.

Tha an tagradh bho ChalMac a' buntainn ri trioblaid le cumadh slige an t-soithich, air an robh na mìosan de dh'obair-chàraidh a dhìth.

'S ann nuair a bha iad air an t-slighe air ais a dh'Alba à Merseyside a thàinig trioblaidean a bharrachd am follais.

Fhuair am BBC a-mach gu bheil CalMac airson airgead fhaighinn air ais bho Cammell Laird airson na cosgaisean a bharrachd a thàinig orra.

Chan eil Cammell Laird air càil a ràdh mun a chùis fhathast.

'S an eadar-ama, tha obair-chàiridh fhathast ga dèanamh air an aiseag airson rudeigin eile - a' fàgail bearn sa chabhlach a tha a' toirt buaidh air seirbhisean eile.