Maoin Seasmhachd nan Gnothachasan Eileanach air a leudachadh

- Air fhoillseachadh
Chaidh sgeama taice do luchd-gnothaich Eileanach a th' air call fhulang ri linn trioblaidean le aiseagan fhosgladh gu eileanan a bharrachd.
Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba bho thùs aig àrd-choinneimh mu aiseagan a bh' aca ann an Uibhist sa Ghiblean gum biodh an stòras ann is cothrom air taic-airgid luach £4.4m.
Bha mì-thoileachas ann às dèidh sin ge-tà mun ùine a thug e an sgeama a chur gu dol agus nach robh e fosgailte an toiseach ach do luchd-gnothaich ann an cuid de dh'eileanan.
'S iad gnothachasan ann an Arainn, Beinn na Faoghla, Beàrnaraigh na Hearadh, Colbhasa, Èirisgeigh, Griomasaigh, Uibhist a Deas is Uibhist a Tuath a fhuair cothrom sa chiad phàirt den sgeama.
Bha gearanan ann gu sònraichte à Muile is Comataidh Aiseig Mhuile is Eilein Ì ag ràdh gun robh e "mì-chothromach".
Sgeama taic do ghnothachasan eileanach ga fosgladh
- Air fhoillseachadh30 An t-Ògmhios 2025
£4.4m do luchd-gnothachais Uibhist là ro 'choinneamh èiginn' mu aiseagan
- Air fhoillseachadh15 An Giblean 2025
Aiseagan Uibhist: Carson sinne daonnan?
- Air fhoillseachadh14 An Giblean 2025
Tha Riaghaltas na h-Alba a-nise air dearbhadh gun deach còrr is £1m a thoirt seachad gu seo is gu bheil iad a' leudachadh an sgeama gu eileanan eile.
Nam measg tha Barraigh, Bhatarsaigh, Colla, Diùra, Eilean Ì, Ìle, Muile, Tiriodh, is na h-Eileanan Tarsainn.
Tha an sgeama fosgailte a-nise chun na 12mh den Fhaoilleach.
Chuir Comataidh Aiseig Mhuile is Eilein Ì fàilte air an naidheachd.
Ann am brath air-loidhne thuirt iad le £1m air a phàigheadh à stòras £4.4m gu seo "gu bheil coltas ann nach e co-dhùnadh doirbh a bh' ann an sgeama a leudachadh".
'S e HIE a tha a' ruith an sgeama is gheibhear barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn is cothrom feuchainn air taic an seo, taobh a-muigh.