Gearan à Uibhist nach tugadh seachad ach cairteal de mhaoin aiseig

An MV Lord of the Isles aig cidhe Loch Baghasdail
  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-iomairt an Uibhist a Deas ag ràdh nach deach ach an cairteal cuid den airgead bho Mhaoin Seasmhachd nan Gnothachasan Eileanach a thoirt seachad dha na h-eileanan as motha a tha air fulang.

Tha seo agus an t-eilean an-dràsta às aonais seirbheis aiseig agus dùil nach till an MV Lord of the Isles chun na slighe gu Didòmhnaich air a' char as tràithe.

Dh'fhosgail Riaghaltas na h-Alba sgeama luach £4.4m as t-samhradh do ghnothachasan a bh' air droch bhuaidh fhaireachdainn ri linn trioblaidean aiseig.

Bha iad air an stòras fhoillseachadh bho thùs aig àrd-choinneimh aiseig ann an Uibhist a Deas sa Ghiblean.

'S iad gnothachasan an Uibhist, an Arainn agus an Colbhasa a dh'fhaodadh tagradh a dhèanamh.

Thuirt an riaghaltas aig an àm gun deach na h-eileanan ud a thaghadh air sgàth is gun robh troimhe-chèile air còrr is 15% de na seirbheisean aiseig aca sna trì seusanan mu dheireadh.

Bha gearanan à eileanan eile nach robh an lùib an sgeama nach robh e cothromach.

'S iad gnothachasan a tha an sàs ann an turasachd, no a tha a' crochadh air còmhdhail airson stuthan nach mair a chur gu margaidh air tìr-mòr a dh'fhaodas cur airson taic fon sgeama.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba nas tràithe air a' mhìos seo gun deach còrr is £1m a thoirt seachad gu seo is gun robh iad a' fosgladh na dàrna ìre den sgeama agus ga leudachadh gu eileanan eile.

Thèid aig eileanan eile leithid Bharraigh, Mhuile is Thiriodh air tagradh a dhèanamh chun an 12mh den Fhaoilleach.

Ach tha mì-thoileachas a-nise ann an Uibhist nach d' fhuair iadsan buannachd às an sgeama mar a bha dùil aca.

"Bha fhios againn nach b' ionnan a' mhaoin agus na chaidh a dhèanamh de chron air gnothachasan tro bhùtarais nan aiseagan, gun luaidh air a' chron mhaireannach air cliù nan gnothachasan," thuirt John Daniel Peteranna bho Bhuidheann Buaidhe Ghnothachais Uibhist Deas.

"Ach bha sinn toilichte gun deach an trioblaid aithneachadh agus gun deach taic ionmhais a thabhainn mu dheireadh thall."

Thuirt Mgr Peteranna gu bheil "a' mhòr-chuid de ghnothachasan" air dìreach £3,000 fhaighinn bhon mhaoin, agus gu bheil sin a' faireachdainn "mar sgleog mun pheirceall".

"Chan eil ach cairteal den mhaoin air a dhol dha na h-eileanan as motha a dh'fhulaing.

"Carson nach deach ach £1m a thoirt seachad? Carson nach deach an £4.4m gu lèir a roinn a-mach mar a chaidh a ghealltainn?

"Tha sinn airidh air freagairtean do na ceistean seo bho Riaghaltas na h-Alba."

Thuirt Mgr Peteranna gu bheil cunnart mòr ann gun toir mar a tha an MV Lord of the Isles dheth agus obair-chàraidh ga dèanamh oirre buaidh orrasan a tha a' dèanamh air Uibhist a Deas 'son na Nollaige.

Ann am brath, thuirt Riaghaltas na h-Alba nach e airgead-dìolaidh a th' ann am Maoin Seasmhachd nan Gnothachasan Eileanach.

Thuirt iad gun deach a stèidheachadh mar thaic do ghnothachasan eileanach as motha air an tug troimh-chèile aiseig ron seo buaidh.