Cosgaisean càraidh còrr is £1m air aiseag ùr Arainn a rèir nan Tòraidhean

Thòisich an MV Glen Sannox air slighe Arainn air an 13mh den Fhaoilleach 2026
- Air fhoillseachadh
Tha Pàrtaidh Tòraidheach na h-Alba a' cumail a-mach gum b' fheudar Caledonian Mac a' Bhriuthainn £1,141,695 a chosg airson an Glen Sannox a chàradh agus a chumail aig ìre bhon Fhaoilleach 2025 nuair a thòisich i gu h-oifigeil air slighe Arainn.
Tha iad ag ràdh gun do sheall iarrtas Achd Saorsa an Fhiosrachaidh gun do chosg an obair-chàraidh £740,879 sa bhliadhn' ionmhais 2024/2025, agus gun deach £400,815 a chosg suas chun na Dàmhair 2025.
A rèir nan Tòraidhean, chaidh an Glen Sannox a thoirt a-mach à seirbheis trì tursan airson obair-chàraidh on thòisich i ann an seirbheis.
Tha an neach-labhairt aca air còmhdhail, Sue Webber, ag ràdh gur e "sgainneal nàiseanta" a th' ann.
"Bidh luchd-còmhnaidh Arainn air an ubhasachadh nach urrainn dhaibh earbsa a chur sa Ghlen Sannox an dèidh a bhith a' feitheamh cho fada air a son agus gu bheil i fhathast a' cosg na h-uimhir do luchd-pàighidh chìsean," thuirt i.
An Glen Sannox gu bhith a-mach à seirbheis fad seachdain
- Air fhoillseachadh7 An Gearran 2025
Eileanaich a' cur fàilte air an Glen Sannox ach teagamhan ann fhathast
- Air fhoillseachadh13 Am Faoilleach 2025
An cùmhnant samhlachail a theab lìonra nan aiseagan a chur fodha
- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2024
Tha Còmhdhail Alba ag ràdh "gu bheil e ceàrr a bhith ag ràdh gun do chosgadh còrr is £1m air obair-chàraidh air an MV Glen Sannox on thòisich an soitheach ann an seirbheis".
Tha iad ag ràdh gu bheil an t-suim sin a' toirt a-steach chosgaisean obrach a rinneadh oirre ron cheann-là sin.
Thuirt neach-labhairt Riaghaltas na h-Alba: "Bho shealladh slàinte is sàbhailteachd agus air adhbharan seasmhachd tha e riatanach gum bi obair-chàraidh air a dèanamh nuair a tha sin a dhìth."
Bha am bàta-aiseig, a thogadh aig Gàrradh MhicFhearghais, còrr is seachd bliadhna air dheireadh, agus dh'èirich cosgais na h-obrach-togail oirre agus air an MV Glen Rosa, a tha cuideachd ga togail am Port Ghlaschu, bho £97m gu timcheall air £460m.