Tiugainn a dh'iomain is seusan ùr romhainn

Riochdairean bho dhiofar sgiobaidhean iomainTùs an deilbh, Comann na Camanachd
Fo-thiotal an deilbh,

Thàinig cluicheadairean bho ghrunn sgiobaidhean còmhla air thoiseach air an t-seusain ùir is a' chompanaidh Mowi a' dearbhadh gun lean an taic-airgid aca airson na spòrs

  • Air fhoillseachadh

Chan eil ach sia mìosan bho thuirt manaidsear Bhaile Ùir an t-Slèibh gun robh Cupa na Camanachd "air ais far a bheil còir aige a bhith".

'S e Peadar Ros a bha air a dhòigh is an sgioba aige dìreach air a' chùis a dhèanamh air Ceann a' Ghiùthsaich 3-2.

Cha robh a h-uile duine ag aontachadh le Peadar còir an là ud, ach cha rachadh duine aca às àicheadh, tha fios, gu bheil iomain fhèin mu dheireadh thall gu bhith air ais far a bheil còir aige a bhith feasgar Disathairne.

Is abair gu bheil ceistean gu leòr ann an dà chuid ann an iomain nam fear is nam ban às dèidh seusan air leth inntinneach ann an 2025.

Baile Ùr an t-Slèibh le Cupa na Camanachd an 2025

Chuir na thachair sa chuairt dheireannaich crith tron spòrs is am Baile Ùr a' buannachadh Cupa na Camanachd air ais 'son a' chiad uair bho 2019.

Ged a tha Joe Coyle, fear de na rionnagan òga a bha am measg nan tadhal aig a' Bhucht, a-nise le fòcas air ball-coise is Ross County, tha a h-uile coltas ann gum bi am Baile Ùr air an neartachadh is am misneachadh às dèidh dhaibh an duais mhòr a bhuannachadh air ais.

"An rud a tha a h-uile duine ag ràdh ann am Baile Ùr an t-Slèibh 's e gu bheil sinn an-còmhnaidh ag iarraidh barrachd," dh'innis gaisgeach eile bhon chuairt dheireannaich, Iain Robinson, do Spòrscast aig BBC Spòrs.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Joe Coyle a' faighinn an treas tadhail sa chuairt dheireannaich an-uiridh

"An uiridh bha Peadar ag ràdh rium gun robh e ag iarraidh 30 tadhal. An seusan seo tha e ag iarraidh 40 agus tha e an aon rud leis an sgioba.

"Fhuair sinn aona chupa an-uiridh ach tha e ag iarraidh barrachd: tha e ag iarraidh an lìog, Cupa MhicAmhlaidh is Cupa MhicThàmhais."

Ma tha, feumaidh iad na duaisean a thoirt bho na nàbaidhean aca, rud nach bi idir, idir furasta.

Do Cheann a' Ghiùthsaich 's e buille chruaidh a bh' ann Cupa na Camanachd a chall, cho cruaidh gu dearbh is gun do dh'fhàg Iain 'Corky' Borthwick a dhreuchd mar mhanaidsear aig deireadh an t-seusain.

Bha Borthwick airson cumail a' dol agus às dèidh dha 3 de na 4 duaisean mòra a bhuannachadh ann an 2025, is 10 à 12 uile gu lèir bho thòisich e, shaoileadh tu gum biodh an cothrom aige.

Chan ann mar sin a tha cùisean ag obair ann an Ceann a' Ghiùthsaich is na cluicheadairean air leigeil fhaicinn gun robh iad airson atharrachadh fhaicinn.

Ged a tha sin a' cur na h-uimhir de chuideim orra fhèin agus am fear ùr aig an stiùir - Raghnall Ros - tha e cuideachd na chomharra air a' mhiann uabhasach aig Kings na duaisean uile a bhuannachadh.

Tha teans gur dòcha gur e cuairt dheireannach 2025 a' chiad phàirt ann an strì ùr eadar na seann nàimhdean.

Ach 's e mearachd a bhiodh ann a bhith a' smaointinn nach eil cothrom aig feadhainn taobh a-muigh sgìrean Bhàideanach air na duaisean mòra.

Sìos gu cha mhòr na buillean mu dheireadh ann an 2025 bha Camanachd an Òbain is An Gearasdan cuideachd le cothrom air tiotal na Prìomh Lìog.

Gu dearbh 's e call a bh' ann ann an sùilean mòran nach do ghabh Comann na Camanachd an cothrom a bh' ann gus dà gheama eadar na ceithir sgiobaidhean a chur air dòigh air an aon là mar a bha an seusan a' tighinn gu ceann, cothrom, shaoileadh tu, nach bi ann ro thric.

Alison NicBhiocair is Iain Robinson
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Alison NicBhiocair is Iain Robinson air a bhith a' bruidhinn ri Spòrscast air thoiseach air an t-seusan ùr

Ged a thuit iad aig na feansaichean mu dheireadh, rinn sgioba an Òbain fìor mhath sa chiad sheusan aca fo stiùir Daniel Chamshroin, chun na h-ìre 's gur e briseadh-dùil a bh' ann dhaibh nach do chrìochnaich iad ach leis a' Chupa Cheilteach air a' cheann thall.

'S e an dùbhlan a th' ann dhaibh a-nise togail air na rinn iad agus am fòcas is smachd nas fheàrr a bh' aca orra fhèin an-uiridh a chumail a' dol.

Ma nì iad sin, bidh an t-Òban làidir a-rithist.

Rinn sgioba a' Ghearasdain nas fheàrr na bha cha mhòr duine an dùil sa chiad sheusan aca air ais sa Phrìomh Lìog.

Thug sin gu ceann trì bliadhna de dh'adhartas fo Neil Robertson is Alan Knox, a sheas sìos aig deireadh an t-seusain.

'S e na faclan a bha aig Robertson san dealachadh gur e cupa a thogail an ath cheum dhan chluba agus 's ann air Scott MacNèill a tha an dleasdanas air landaigeadh sin a choileanadh.

Bha MacNèill eòlach gu leòr air duaisean a thogail mar chluicheadair agus bha seusan air leth aige ann an 2025 aig stiùir na dàrna sgioba, a thog Cupa an t-Sutharlanaich, Cupa Shrath Èireann is Lìog Tuath 1.

Scott MacNèillTùs an deilbh, Comann na Camanachd
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh an Gearasdan an dòchas gum bi Scott MacNèill am measg nan duaisean a-rithist ann an 2026

Thàinig aiseirigh iongantach air na Sgitheanaich an-uiridh às dèidh dhaibh an seusan a thòiseachadh gu slaodach is le aithrisean air mì-thoileachas taobh a-staigh a' champa.

Thog iad orra gu mòr nuair a thill Coinneach Barlow MacLeòid mar mhanaidsear agus mura b' e gun do chaill iad na geamaichean ud tràth san t-seusan, 's e còig sgiobaidhean a bhiodh air a bhith a' farpais 'son na lìge seach ceithir.

Bidh MacLeòid ag amas air an sgioba a chumail aig an ìre sin fad an t-seusain le sùil air duais mhòr a bhuannachadh 'son a' chiad turas bho 1990.

Tha e ag ràdh gu bheil fios aig na cluicheadairean gu bheil iad comasach air farpais 'son an tiotail.

'S e Ryan Harrison, a tha air soirbheachadh bho ghluais e do sgioba an Eilein à GMA, a bhios na sgiobair.

'S e toiseach-tòiseachaidh doirbh a bhios ann dha na Sgitheanaich Disathairne is iad a' dol a Cheann a' Ghiùthsaich.

Fo na Sgitheanaich an-uiridh bha dà sgioba ann an Cabar Fèidh is Ceann Loch Seile a bhiodh a' faireachdainn nach do rinn iad cho math 's a bha còir.

Gu dearbh bha àm ann nuair a bha an dà sgioba ann am beagan de chunnart a dhol sìos, rud nach biodh mòran idir a' sùileachadh, ged a thog iad orra gu sàbhailteachd an ìre mhath cofhurtail air a' cheann thall.

Bidh Blair Moireasdan air leth cudromach a-rithist dha Cabers is e na sgiobair am-bliadhna. Tha a bhràthair Craig fhathast a-mach ach bidh e na phàirt den sgioba-choidsidh is e an dòchas tilleadh ro dheireadh an t-seusain.

Tha gluasad inntinnteach aig a' chùl far a bheil Caoimhin Bartlett gu bhith eadar na puist is aig an aghaidh bidh cothrom ann dha dithis òg, Ali Taylor is Seumas MacEanraig, às dèidh dhaibh a bhith am measg nan tadhal dhan dàrna sgioba.

Seumas MacEanraig is Ali Taylor
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Cabar Fèidh an dòchas barrachd thadhal fhaicinn bho Sheumas MacEanraig is Ali Taylor aig ìre na ciad sgioba

Bha e na bhriseadh-dùil do Cheann Loch Seile dìreach còig geamaichean lìge a bhuannachadh ann an 2025 ann an seusan cho doirbh 's a bha aca fad iomadh bliadhna.

Gu h-annasach, bha fear dhiubh an aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich, an aona gheama lìge a chaill Kings.

Bha sin na chomharra air na comasan aig Ceann Loch Seile air an là is tha deagh naidheachd ann dhaibh le Jordan Friseal is Oliver MacRath a' tilleadh gu iomain am-bliadhna.

'S e Ali Nixon an sgiobair a bhios acasan air an t-seusan seo.

San ochdamh àite an-uiridh bha Caol Bhòid is briseadh-dùil ann dhaibh cuideachd sa chuairt dheireannaich den Chupa Cheilteach, far an do chaill iad 6-1 ri Camanachd an Òbain.

Chan eil coltas ann gu bheil cùisean a' fàs dad nas fheàrr do sgioba Thaigh na Bruaich is Roddy Dòmhnallach air innse gu bheil esan a' sguir a chluich.

'S e an Dòmhnallach an duine mu dheireadh den ghinealach air leth a bhuannaich grunn dhuaisean dha Caol Bhòid san 20 bliadhna mu dheireadh a bha fhathast a' cluich gu cunbhalach.

Ged a tha tàlant a' tighinn troimhe - thàinig Ethan Kerr òg air sa chuairt dheireannaich den Chupa Cheilteach 's gun e ach 14 - tha ceistean ann mu dhoimhneachd.

Bha buille eile ann leis an naidheachd gum bi Seumas Pringle ann an Astràilia is gum bi Liam Arnott a-mach fad an t-seusain is e air a ghoirteachadh.

Bidh geama gu math faisg air làimh aig Caol Bhòid ge-tà is na nàbaidhean aca Caol-Gleann air tighinn a-nuas bhon Lìog Nàiseanta san dàrna àite.

Bhiodh e fìor a ràdh gun do chuir seo iongnadh fiù 's orra fhèin is dìreach 20 bliadhna bho chaidh an cluba a stèidheachadh às ùr, is dìreach trì bliadhna bho ràinig iad an Lìog Nàiseanta.

"Cha robh dùil sam bith agam ri seo nuair a chaidh mi nam mhanaidsear an toiseach, gum biodh sinn aon là sa Phrìomh Lìog", dh'aidich Ronnie MacBhiocair.

"'S e rud mòr a bh' ann dhuinn a bhith san Lìog Nàiseanta ach tha seo iongantach.

"'S e rud sònraichte a bhios ann do mhuinntir an àite a bhith a' faicinn Ceann a' Ghiùthsaich is Baile Ùr an t-Slèirbh a' tighinn an seo.

"'S e ceum mòr suas a th' ann is 's e an t-amas a bhios againn fuireach san lìog."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Chaidh Javen Houston a chèilidh air Caol-Gleann is iad ag ullachadh 'son an t-seusain ùir

Shnaig Caol-Gleann suas ann am blàr gu math faisg le GMA is Eilean Bhòid ach fada air thoiseach air càch, bha Loch Abar.

Thog na h-Abraich 27 puingean à 28 san Lìog Nàiseanta is ràinig iad iar-chuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais, far an tug iad geama dùbhlanach do Cheann a' Ghiùthsaich.

Thog iad cuideachd Cupa a' Bhaile Mhòir.

Ged a bha a' Phrìomh Lìog rud beag ro dhuilich dha na h-Abraich ann an 2024, tha coltas ann gu bheil iad a' tilleadh nas làidire is sùil aca air fuireach suas an turas seo.

An sgioba aig Loch Abar a bha cho soirbheachail an 2025Tùs an deilbh, Cluba Camanachd Loch Abar
Fo-thiotal an deilbh,

An sgioba aig Loch Abar a bha cho soirbheachail an 2025

Bu chòir gum faigh iad spionnadh is brosnachadh à sgioba nam ban, aig an robh seusan iomraiteach eile ann an 2025.

Bha strì air leth eadar na h-Abraich is Bàideanach tron lìog is an dà sgioba a' crìochnachadh co-ionnan air a' cheann thall.

Bha Loch Abar air an gnothach a dhèanamh air Bàideanach san dà gheama eatorra san lìog is rinn iad an dearbh rud sa phlay-off, a' soirbheachadh 2-0.

Ron sin ge-tà, bha Bàideanach air a' chùis a dhèanamh 2-0 air na h-Abraich sa chuairt dheireannaich de Chupa Valerie Fhriseil.

"Tha mi an dòchas gun urrainn dhuinn oidhirp a dhèanamh air an lìog is an cupa a-rithist," thuirt Amy Disher bho Loch Abar.

"Tha tòrr nigheanan òga a' tighinn a-steach is tha sinn ag amas air duaisean a bhuannachadh."

Fo-thiotal a’ bhidio,

Cupa Valerie Fhriseil air ais am Bàideanach

Bidh gu leòr aig Bàideanach ri ràdh mun sin, shaoileadh tu, is iadsan air an sgioba-choidsidh aca a neartachadh le Iain Corky Borthwick a thoirt a-steach às dèidh dha Ceann a' Ghiùthsaich fhàgail.

Bha e follaiseach gun robh Loch Abar is Bàideanach ceum no dhà air thoiseach air càch an-uiridh is 's e an dùbhlan a th' ann dha na sgiobaidhean eile a' bheàrn ud a ghearradh.

Nam measg bidh na Sgitheanaich far am bi Jenna Pheutan aig an stiùir is Sarah Yoxon na sgiobair.

Tha Comann Camanachd nam Ban a' comharrachadh 25 bliadhna bho thòisich iad is is tha iad cuideachd air dà chupa ùr a chur air adhart.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Javen Houston le sùil air adhart gu seusan ùr iomain nam ban

Cluinnear barrachd mu iomain nam ban ann an Spòrscast sònraichte anns na seachdainean ri thighinn.

Gheibh Prìomh Lìog nam ban air an deireadh-sheachdain gu dol leis na geamaichean seo:

  • Gleann Urchadain - Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal

  • Inbhir Nis - Bàideanach

  • Loch Abar - Camanachd an Eilein Sgitheanaich

Tòisichidh Prìomh Lìog nam fear leis na geamaichean seo Disathairne:

  • Caol-Gleann - Ceann Loch Seile

  • An Gearasdan - Cabar Fèidh

  • Ceann a' Ghiùthsaich - Camanachd an Eilein Sgitheanaich

  • Loch Abar - Caol Bhòid

  • Camanachd an Òbain - Baile Ùr an t-Slèibh

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte