Raghnall aig an stiùir an Ceann a' Ghiùthsaich

Raghnall RosTùs an deilbh, SNS
  • Air fhoillseachadh

'S e Raghnall Ros manaidsear ùr Chinn a' Ghiùthsaich.

Chuala coinneamh bhliadhnail a' chluba gu bheil Iain 'Corky' Borthwick a' seasamh air ais às dèidh trì bliadhna aig an stiùir.

Bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich 10 de na 12 prìomh dhuaisean a bh' ann fhad 's a bha Borthwick os cionn na sgioba.

Bha briseadh-dùil ann am-bliadhna nuair a chaill iad 3-2 ris na nàbaidhean aca Baile Ùr an t-Slèibh sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd.

Bhuannaich iad a' Phrìomh Lìog às dèidh sin ge-tà, is iad mar-thà air Cupa MhicThàmhais is Cupa MhicAmhlaigh a thogail.

Thug an cluba taing dha Borthwick is dhearbh iad gur e Raghnall Ros a thèid na àite.

A' bruidhinn ris a' phàipear naidheachd ionadail an Strathspey Herald, taobh a-muigh, thuirt Borthwick gun robh e bho thùs e 'son fuireach mar mhanaidsear is gun robh e "a chridhe briste" leis mar a thachair gnothaichean.

Thuirt e cuideachd gu bheil e an dòchas gun soirbhich an sgioba fo stiùir Raghnaill Rois.

Tha mòran a' meas Rois - a tha ag obair do Chomann na Camanachd - mar an cluicheadair iomain as fheàrr a bha riamh ann.

Tha e air coidseadh aig diofar ìrean cuideachd thar nam bliadhnaichean is bha e ùine os cionn sgioba nàiseanta na h-Alba.

Cuideachd aig an AGM chaidh athair Raghnaill, Iain, ainmeachadh mar cheann-cinnidh Chinn a' Ghiùthsaich is chaidh dearbhadh gur e John Gibson a bhios os cionn na dàrna sgioba.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte