Bhàsaich sgìtheadair san ospadal an dèidh tubaist air an Aonach Mhòr

Neach-teasairginn nam beann a-muigh air iomairt cobhair air an oidhche a' coiseachd san t-sneachd agus gèile annTùs an deilbh, SGIOBA TEASAIRGINN BHEANNTAN LOCH ABAIR
Fo-thiotal an deilbh,

Bha Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair is heileacoptaran nam maor-cladaich an sàs ann an ceithir iomairtean fa leth a thòisich Dimàirt

  • Air fhoillseachadh

Tha neach-sgìthidh air bàsachadh san ospadal an dèidh mar a rinneadh cobhair air air an Aonach Mhòr ann an Loch Abar.

Chaidh am fireannach a ghoirteachadh an dèidh dha tuiteam air a' bheinn mu 2:00f Dimàirt.

Thuirt Poileas Alba gun do bhàsaich an sgìtheadair, nach deach ainmeachadh, Diciadain.

Thuirt neach-labhairt nam poileas: "Chan eil càil amharasach mun chùis agus thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin."

Chaidh cobhair a dhèanamh air an duine agus còignear eile ann an ceithir iomairtean fa leth timcheall air Beinn Nibheis agus air a' bheinn fhèin, le maoimtean-sneachda an lùib dhà dhiubh.

Bha trì iomairtean a' dol aig an aon àm - a' tòiseachadh feasgar Dimàirt agus a' crìochnachadh tràth sa mhadainn Diciadain - ann an sneachd domhain agus sìde gharbh.

Chuidich Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair coisiche nach b' urrainn faighinn far Beinn Nibheis, agus rinn heileacoptar nam maor-cladaich cobhair air dithis shreapadairean a bha glacte air an Aonach Mhòr.

Bha naoinear de luchd-teasairginn Loch Abair an sàs san iomairt airson dithis shreapadairean a shàbhaladh air Beinn Nibheis.

Thuirt Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair gun robh i a' dèanamh "là àlainn" madainn Dimàirt, ach gun tàinig gèile feasgar agus rè na h-oidhche.

Sgaoil a' ghaoth mhòr na h-uimhir de shneachd feadh nam beann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo