Poilis a' sireadh fireannaich am Baile nan Granndach

Baile nan GranndachTùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Thachair an ionnsaigh mu 2:35f Dimàirt

  • Air fhoillseachadh

Tha na Poilis ag iarraidh lorg fhaighinn air fireannach an co-cheangal ri droch ionnsaigh ann am Baile nan Granndach.

B' fheudar cùram a thoirt do dh'fhear aois 36 an dèidh na thachair aig 2:35f Dimàirt air Craobh-rathad Achadh an Uillt sa bhaile.

Dh'iarradh oifigearan bruidhinn ri fear a chunnacas a' coiseachd a dh'ionnsaigh na Ceàrnaige air Àrd-Shràid Bhaile nan Granndach.

Tha e mu 6tr de dh'àirde, 's e caol, 's bha seacaid dhubh uime, briogais tracksuit dhubh le loidhne gheal sìos an taobh, agus ceap baseball dubh air a cheann.

Dh'iarr na Poilis gun cuireadh duine sam bith le fiosrachadh brath thuca.

Dh'iarr iad cuideachd air daoine a tha a' fuireach san sgìre coimhead air dealbhan CCTV sam bith, no dealbhan dashcam airson rud sam bith a dh'fhaodadh an rannsachadh aca a chuideachadh.