Geàrr-chunntas

  • Tha Baile Ùr an t-Slèibh air Cupa na Camanachd a bhuannachadh

  • Chrìochnaich a' chuairt dheireannach an aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich 3-2 às dèidh dhan Bhaile Ùr a bhith 3-0 air thoiseach

  • Thàinig dà thadhal bho Iain Robinson, a' chiad fhear an seo is an dàrna tadhal aige an seo

  • Chuir Joe Coyle òg an treas tadhal

  • Fhuair Ryan Borthwick tadhal air ais do Cheann a' Ghiùthsaich is chuir e fear eile le mionaid air fhàgail de dh'ùine àbhaisteach

  • Tha am Baile Ùr a-nise air an cupa a thogail 35 tursan

  • Bha a' chuairt dheireannach air ais aig Pàirc a' Bhucht 'son a' chiad turas bho chaidh an goireas a sgeadachadh

  • Nas tràithe san là bhuannaich Lòbhat Cupa MhicMhaighstir

  1. Tìoraidh!air fhoillseachadh aig 16:39 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 2

    Cluicheadairean òga

    Agus sin e bhuainn air feasgar nuair a chuir Baile Ùr an t-Slèibh an cèol air feadh na fìdhle gus Cupa na Camanachd a bhuannachadh 3-2 an aghaidh nan nàbaidhean aca à Ceann a' Ghiùthsaich.

    Fàgaidh sinn sibh le dealbh de na deugairean aig a' Bhaile Ùr a bha cho cudromach dhaibh an-diugh is an duais as motha san spòrs a' dol air ais dhan bhaile 'son a' chiad uair bho 2019.

    Taing 'son a bhith còmhla rinn!

  2. 3-2air fhoillseachadh aig 16:36 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 2

    Seo an tadhal bho Ryan Borthwick às dèidh 89 mionaidean a dh'fhàg cùisean cho faisg aig an deireadh.

    Fo-thiotal a’ bhidio,

    Ryan Borthwick a' cur an dàrna tadhail do Cheann a' Ghiùthsaich

  3. "Là Bhaile Ùir an t-Slèibh"air fhoillseachadh aig 16:28 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 2

    Tha manaidsear Chinn a' Ghiùthsaich Iain Borthwick ag ràdh gur dòcha gum biodh cùisean air a bhith diofraichte nam biodh fear de na cothroman aca tràth air a dhol a-staigh - agus nam biodh còig mionaidean eile aig an deireadh gur dòcha gum biodh iad air faighinn air ais gu 3-3.

    Ach thuirt Corky gur e là Bhaile Ùir an t-Slèibh a bha seo is gun robh iad airidh air a' chupa.

  4. Pòg dhan Chupaair fhoillseachadh aig 16:25 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 2

    Joe Coyle, a chuir an treas tadhal dhan Bhaile Ùr, a' toirt pòg do Chupa na Camanachd

    Pòg do Chupa na Camanachd
  5. "Dìreach sgoinneil"air fhoillseachadh aig 16:24 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 2

    Tha Iain Robinson ag ràdh gun robh am Baile Ùr ga iarraidh barrachd na Ceann a' Ghiùthsaich. "Dìreach sgoinneil, mìorbhaileach", tha e ag ràdh.

    Is tha rabhadh aige: tha am Baile Ùr air ais, thuirt e, is tha iad 'son an cupa a chumail.

  6. "An cupa air ais far am bu chòir dha a bhith"air fhoillseachadh aig 16:22 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 2

    Bha Peadar Ros ag ràdh ri Dòmhnall MacLaomainn air BBC Radio nan Gàidheal ron gheama nach robh e ag iarraidh obair a' Bhaile Ùir bho thùs ach tha e coltach gu bheil a bheachd air atharrachadh!

    Tha an cupa air ais far am bu chòir dha a bhith, thuirt e, "sa bhaile as fheàrr ann an Alba".

  7. Gàirdeachas do Bhaile Ùr an t-Slèibhair fhoillseachadh aig 16:19 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 2

    Tha Craig Ritchie a' togail Chupa na Camanachd àrd os a chionn!

    Tha an duais ainmeil a' dol dhan Bhaile Ùr 'son a' chiad uair bho 2019 is iad air a bhuannachadh 35 tursan uile gu lèir.

    Cupa na CamanachdTùs an deilbh, bbc
  8. Fiosair fhoillseachadh aig 16:15 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 2

    Tha Ceann a' Ghiùthsaich a' dol suas gus na buinn nach robh iad idir ag iarraidh a thogail.

    Tha dà chupa aca mar-thà am-bliadhna is deagh chothrom aca air a' Phrìomh Lìog cuideachd - ach fìor bhriseadh-dùil dhaibh an-diugh is iad air an grèim a bh' aca air Cupa na Camanachd bho 2022 a chall.

  9. Sàr-chluicheadair an làair fhoillseachadh aig 16:10 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 2

    Chaidh Iain Robinson ainmeachadh mar shàr-chluicheadair an là.

    Ged a bha an sgioba air fad aig àrd-ìre bha an Gàidheal òg air leth.

    Iain Robinson
  10. An tadhal a thug Ceann a' Ghiùthsaich air ais dhan gheamaair fhoillseachadh aig 16:10 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 2

    Ach cha robh e seachad aig 3-0 is seo an tadhal aig Ryan Borthwick a thug dòchas às ùr do Cheann a' Ghiùthsaich.

  11. Coyle a' faighinn an treas tadhail dhan Bhaile Ùrair fhoillseachadh aig 16:07 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 2

    Feumaidh sinn anail a ghlacadh a-nise!

    Seo an tadhal aig Joe Coyle a chuir am Baile Ùr 3-0 air thoiseach.

  12. Là mòr a' Bhaile Ùirair fhoillseachadh aig 16:06 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 2

    Abair geama a bha siud!

    Bha a h-uile coltas ann gun robh e seachad nuair a chaidh am Baile Ùr air thoiseach 3-0 - rud ris nach robh duine an dùil ach rud air an robh iad glè airidh.

    Ach thàinig Ceann a' Ghiùthsaich air ais is dìreach tadhal eatorra air a' cheann thall.

    Gàirdeachas aig Baile Ùr an t-Slèibh
  13. Tha e seachad!air fhoillseachadh aig 16:02 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 2

    Tha Baile Ùr an t-Slèibh air Cupa na Camanachd a bhuannachadh!

    Baile Ùr an t-Slèibh a' buannachadh
  14. Mionaid air fhàgailair fhoillseachadh aig 16:01 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 2

    Eil cothrom eile gu bhith aig Ceann a' Ghiùthsaich? Tha buille oisein aca...

  15. Murt mhòr!air fhoillseachadh aig 15:59 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 2

    Tha ceithir mionaidean gan cur ris a' gheama is tha sinn a-nise aig 3-2...

    Tadhal eile do Cheann a' Ghiùthsaich
  16. TADHAL!air fhoillseachadh aig 15:58 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 2

    Ryan Borthwick a-rithist!

  17. Cho faisgair fhoillseachadh aig 15:53 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 1

    Theab is nach do theab do dh'Iain Robinson is e a' teannadh air tadhal Chinn a' Ghiùthsaich is a' cur a' bhuill dìreach òirlich seachad air a' phost. Bhiodh sin air an geama a mharbhadh gun teagamh.

    Tha còig mionaidean air fhàgail.

  18. Rionnag òg a' Bhaile Ùirair fhoillseachadh aig 15:51 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 1

    Joe Coyle

    Abair là a bh' aig Joe Coyle òg. Tha e 16 bliadhna a dh'aois is e air ainm a chur ri cùmhant le Ross County, ach tha e air sealltainn an-diugh gur e sàr-chluicheadair iomain a th' ann cuideachd.

  19. Cupa MhicAmhlaidh 2023air fhoillseachadh aig 15:48 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 1

    Sin an duais mu dheireadh nach do bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich. Feumaidh iad rudan a thionndadh mun cuairt an seo gu sgiobalta ge-tà, air neo cha bhi Grand Slam eile aca am-bliadhna.

    Bha Mata Sloss òg anns an sgioba aig Camanachd an Òbain a rinn a' chùis orra an là sin an 2023 is e an-diugh a' cluich 'son a' Bhaile Ùir.

  20. Teasair fhoillseachadh aig 15:44 TSB 20 An t-Sultain 2025

    Baile Ùr an t-Slèibh 3 Ceann a’ Ghiùthsaich 1

    Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag ràdh gu bheil Ceann a' Ghiùthsaich "air an teas a chur suas".

    Tha Conor Jones air tighinn a-steach 'son a' Bhaile Ùir is Drew Dòmhnallach a' dol dheth.