Bàile Ùr an t-Slèibh a' togail Chupa na Camanachd

Cupa na Camanachd 2025
LeShona NicEanraig
BBC Naidheachdan
  • Air fhoillseachadh

Bhuannaich Baile Ùr an t-Slèibh Cupa na Camanachd airson a' chiad uair ann an sia bliadhna.

Rinn iad an gnothach air sgioba eile Bhàideanach, Ceann a' Ghiùthsaich, 3-2.

Bha làmh an uachdair aig a' Bhail' Ùr fad tòrr den gheama agus cha tàinig Kings air adhart ceart gus an robh iad gu math air dheireadh aig 3-0.

Fhuair an cluicheadair aghaidh Iain Robinson dà thadhal don Bhaile Ùr - a' chiad fhear an dèidh 18 mionaid agus an uairsin a-rithist an dèidh 50 mionaid.

Fhuair am fear òg tàlantach Joe Coyle, a tha cuideachd a' cluiche ball-coise le cùmhnant aige aig Ross County, an tadhal eile dhan sgioba aig Peadar Ros an dèidh 63 mionaid.

Ach thill Ceann a' Ghiùthsaich le dà thadhal bho Ryan Borthwick a thàinig far na beingidh.

A dh'aindeoin 's gun robh cùisean air leth teann faisg air deireadh a' gheama, chaidh an là leis a' Bhail' Ùr aig a' cheann thall.

Fhuair Iain Robinson duais sàr-chluicheadair a' gheama cuideachd agus e a' faighinn bonn cuimhneachaidh Albert Mhic a' Ghobhainn.

B' ann ann an 2019 a fhuair iad an cupa mu dheireadh agus tha seo cuideachd a' ciallachadh nach eil Ceann a' Ghiùthsaich a' dol a dh'fhaighinn Grand Slam air an t-seusan seo.

Tha fhathast obair mu choinneimh an dà sgioba ge-tà, agus tiotal a' Phrìomh Lìg ri bhuannachadh airson an t-seusain.

Iain Robinson
Fo-thiotal an deilbh,

Iain Robinson, sàr-chluicheadair a' gheama

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte