Chaidh manaidsear ùr Camanachd an Eilein Sgitheanaich ainmeachadh

Pàirc nan Laoch am Port Rìgh Tùs an deilbh, DAVE FERGUSSION/GEOGRAPH
Fo-thiotal an deilbh,

Pàirc nan Laoch, dachaigh Camanachd an Eilein Sgitheanaich

  • Air fhoillseachadh

Dh'innis a' chiad sgioba aig Camanachd an Eilein Sgitheanaich gur e Coinneach Barlow MacLeòid am manaidsear ùr aca.

Tha e a' tilleadh às dèidh dha a bhith os cionn an sgioba gu 2023.

Tha seo an dèidh mar a dh'fhalbh am manaidsear a ghabh àite, Uilleam Dòmhnallach, agus e ag ràdh gun do dh'fhuiling e "ionnsaighean pearsanta".

Air teachdaireachd air na meadhanan sòisealta thug an cluba taing do Mhgr Dòmhnallach airson obair mar mhanaidsear agus an sgioba fhaighinn chun na h-ìre aig a bheil iad.

Chrìochnaich na Sgitheanaich san t-siathamh àite sa Phrìomh Lìog fo stiùir an-uiridh - cho àrd 's a bha iad riamh sa Phrìomh Lìog - is cha robh iad ach dà phuing bhon dàrna àite ann an lìog a bha gu math teann.

Tha an sgioba air na trì geamaichean aca gu seo air an t-seusan seo a chall.

'S e Dàibhidh Taylor an leas-mhanaidsear ùr le taic bho Chris Rose, agus leanaidh Iain Urchadan mar neach-trèanaidh an sgioba.

Thuirt an cluba gun robh iad a' guidhe gach soirbheachais do Choinneach MacLeòid agus an sgioba aige airson an t-seusain a tha romhainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo