Misneachd do sgioba a' Ghlinne

Thog Gleann Urchadain a' chiad phuing aca den t-seusan ann am Prìomh Lìog nam ban is iad fhèin is Ceann Loch Seile a' crìochnachadh co-ionnan 3-3.

Ged a tha sgioba a' Ghlinne fhathast aig a' bhonn 's e togail a bha seo dhaibh is cothrom aca an tuilleadh adhartais a dhèanamh anns na seachdainean ri thighinn.

Tha GMA san dàrna àite san lìog às dèidh dhaibhsan an gnothach a dhèanamh air na Sgitheanaich 5-3.

Chaidh an geama eadar Loch Abar is Bàideanach - an dà sgioba nach eil air puingean sam bith a leigeil às gu seo - a chur dheth ri linn na droch shìde.

Thug an aimsir sin buaidh cuideachd air iomain nam fear Disathairne, ach anns na geamaichean a chaidh air adhart chaidh Ceann a' Ghiùthsaich troimhe air èiginn ann an Cupa MhicThàmhais is iad feumach air buillean-peanais às dèidh crìochnachadh co-ionnan 2-2 an aghaidh na Manachainn.

Rinn Lòbhat an gnothach air buillean-peanais cuideachd is iad is Cabar Fèidh air a bhith co-ionnan 3-3.

Thug Cill Mhàilidh droinneadh 9-2 air Srath Ghlais is bha e 3-0 do Ghleann Urchadain an aghaidh Inbhir Nis.

Chaidh an geama eadar na Sgitheanaich is Baile Ùr an t-Slèibh a chur dheth is Pàirc nan Laoch ro bhog.

Thàinig naidheachd mhòr às an Eilean às dèidh sin is Uilleam Dòmhnallach a' fàgail a dhreuchd mar mhanaidsear nan Sgitheanach.