Na Sgitheanaich a' sireadh manaidseir ùir

Uilleam Dòmhnallach
  • Air fhoillseachadh

Tha Camanachd an Eilein Sgitheanaich a' sireadh manaidseir ùir is Uilleam Dòmhnallach air a dhreuchd fhàgail is e ag ràdh gun robh e air "ionnsaighean pearsanta" fhulang.

Chuir an Dòmhnallach teachdaireachd dha na cluicheadairean aig an deireadh-sheachdain 'son innse gun robh e air tighinn gu co-dhùnadh doirbh an obair fhàgail.

Thug e taing dha na cluicheadairean fhèin is e ag ràdh gur iad as coireach gun robh e air fuireach san dreuchd gu seo, ach thog e air "poileataigs far na pàirce sa chluba" a bha, thuirt e, cus dha fhèin is a theaghlach.

Thuirt e gu bheil beachd aig gach duine ach gun do dh'fhàs cùisean "do-dhèanta" dha le càineadh fad na h-ùine.

Thathas a' tuigsinn gu bheil an leas-mhanaidsear Daibhidh Taylor deònach an sgioba a ghabhail gu h-eadar-amail ach nach eil e ag iarraidh obair a' mhanaidseir.

Chaidh Uilleam Dòmhnallach na mhanaidsear air a' chiad sgioba 'son seusan 2024 às dèidh dha Kenny 'Barlow' MacLeòid seasamh sìos.

Bha an Dòmhnallach ron sin air obair shoirbheachail a dhèanamh leis an dàrna sgioba.

Chrìochnaich na Sgitheanaich san t-siathamh àite sa Phrìomh Lìog fo stiùir an-uiridh - cho àrd 's a bha iad riamh sa Phrìomh Lìog - is cha robh iad ach dà phuing bhon dàrna àite ann an lìog a bha gu math teann.

Tha an sgioba air na trì geamaichean aca gu seo air an t-seusan seo a chall.

Tuilleadh air an sgeulachd seo