Gareth Evans: Cha robh sinn math gu leòr air feadh na pàirce

IomainTùs an deilbh, BBC Spòrs
Fo-thiotal an deilbh,

Cha robh Gareth Evans toilichte idir le mar a chluich an sgioba aige an aghaidh na Sgitheanaich

  • Air fhoillseachadh

Tha manaidsear Camanachd an Òbain, Gareth Evans, ag ràdh "nach robh iad airidh air sìon fhaighinn bhon gheama" aca an aghaidh an Eilein Sgitheanaich san lìog is iad a' call 2-1 Disathairne.

Chaidh Camanachd a-steach dhan gheama às dèidh dhaibh na ceithir geamaichean ron sin a bhuannachadh - a' gabhail a-steach cuairt dheireanaich Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu, far an do thog iad an duais.

A dh' aindeoin droch bhuille a-steach dhan phàirce, 's iad na Sgitheanaich a bha gleusta ann a bhith a' dèanamh rudeigin leis agus Archie Mac a' Mhuilleir a' cur nan eileanaich tadhal air thoiseach goirid ro leth-ùine.

Dh'fhalbh dhà no trì mionaidean far an robh Camanachd an Òbain a' cur sgioba an Eilein fo chuideam agus mu dheireadh thall chuir Garry Lord an geama co-ionnann aig a' phosta chùil às dèidh buille-òisein le beagan a bharrachd na uair a thìde air a' chleoc.

Ach anns na diogan mu dheireadh dhan gheama, thàinig ball a-steach dhan bhogsa agus nochd Iain MacIlliosa gus am ball a chur dhan lìon agus an dà phuing a' dol dha na Sgitheanaich.

IomainTùs an deilbh, BBC Spòrs

"Cha robh sin luath gu leòr"

"Cha robh sin gleusta agus luath gu leòr air feadh na pàirce sa chiad leth" thuirt Gareth Evans, manaidsear Camanachd an Òbain.

"Tha fios agam gu bheil an sguad againn rud beag gann air sgàth cuid air an goirteachadh ach chan e leisgeul math gu leòr a tha sin" thuirt e.

"Bha cothrom againn mus d' fhuair agus às dèidh dhaibh an tadhal a bhuannaich an geama fhaighinn - dà chothrom a bha còir a dhol a-steach.

"Co-dhiù, bha na Sgitheanaich glè mhath" thuirt Evans.

IomainTùs an deilbh, BBC Spòrs
Fo-thiotal an deilbh,

Chòrd an fheasgair ri Willie Dòmhnallach, manaidsear nan Sgitheanach.

"Bha sinn uabhasach math nam bheachdsa" thuirt manaidsear an Eilein Sgitheanaich, Willie Dòmhnallach.

"Chluich sinn gu math cruaidh dh'fhaodadh tu ràdh, bha sinn tapaidh mu dheidhinn, bha sinn luath air a' bhall.

"Bha cothroman gu leòr againn ach cha do ghabh sinn a h-uile gin dhiubh ach aig deireadh an là, fhuair sinn na puingean a bha sinn ag iarraidh", thuirt Mgr Dòmhnallach

Dòchas do Ghleann Urchadain fhathast

Tha dòchas aig Gleann Urchadain fhathast gun urrainn fuireach san lìog às dèidh dhaibh a' chiad gheama farpaiseach aca a bhuannachadh bhon Lùnasdal an-uiridh.

Rinn iad a' chùis air Loch Abar 3-0 ann an Druim na Drochaid.

Dh'fhuirich Ceann a' Ghiùthsaich aig mullach na lìge is iad a' tighinn am bàrr 4-1 an aghaidh Lòbhait air falbh bhon taigh.

'S iad Cabar Fèidh a tha dìreach aon phuing air dheireadh orra às dèidh dhaibhsan buannachadh 5-2 an aghaidh Bhaile Ùir an t-Slèibh.

Tha Caol Bhòid fhathast a' feuchainn ri beagan ruitheam a lorg san lìog is iadsan a' call 6-1 an aghaidh Cheann Loch Sheile - is iadsan puing air thoiseach air na nàimhdean aca, na Sgitheanaich, san treas àite.

Farpaisean eile

Bha dìreach aon gheama a' dol aig an deireadh-sheachdain san Lìog Nàiseanta le Sgioba Bhòid a' dèanamh a' chùis air Caol-Ghleann le dà thadhal gun fhreagairt.

Ann an Cupa a' Bhaile Mhòir, thug an Gearasdan droinneadh 6-1 do Cille Mhàilidh airson faighinn troimhe chu na cuairte deireannaiche.

Coinnichidh iad ri Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal às dèidh dhaibhsan a' chùis a dhèanamh air Inbhir Nis.

Lìog Nàiseanta nam Ban

'S e dìreach trì puingean an diofar eadar Sgioba Bhàideanach, An t-Eilean Sgitheanach agus Ceann Loch Seile is iad uile a' buannachadh Didòmhnaich.

Tha Sgioba Bhàideanach fhathast aig a' mhullach is iad a' buannachadh an aghaidh Loch Abair 6-1.

Tha an t-Eilean Sgitheanach air an cùl às dèidh dhaibh 11 tadhail a chur seachad air Dun Àda.

Agus tha Ceann Loch Seile san treasamh àite às dèidh dhaibhsan 13 dhiubh fhaighinn an agaidh Obar Dhobhair.