Roddy Dòmhnallach a' sguir a chluich

- Air fhoillseachadh
'S e deireadh linn a th' ann ann an Taigh na Bruaich is Roddy Dòmhnallach air dearbhadh gu h-oifigeil nach bi e a' cluich iomain aig ìre na ciad sgioba tuilleadh.
Tha an Dòmhnallach, 37, air a bhith am measg shàr-chluicheadairean na spòrs san 20 bliadhna mu dheireadh aig àm nuair a bha Caol Bhòid tric a' farpais airson nan duaisean mòra.
'S e an là as iomraichte aige gun teagamh cuairt dheireannach Chupa na Camanachd ann an 2012 nuair a chuir e fhèin ceithir tadhail is Caol Bhòid a' soirbheachadh 6-5 an aghaidh Inbhir Aora.
Fhuair an Dòmhnallach bonn Albert Mhic a' Ghobhainn an là ud.
Gus cùisean a dhèanamh fiù 's nas sònraichte dha 's e athair fhein - Kenny - a bha eadar na puist do Chaol Bhòid.
Bhuannaich an cluba Cupa MhicAmhlaigh trì tursan anns na bliadhnaichean aige is iad cuideachd soirbheachail dha-rìribh ann an Cupa Comann Ceilteach Ghlaschu.
A thuilleadh air sin bha an Dòmhnallach tric ann an sgioba na h-Alba.
Bha fathannan air a bhith a' dol gun robh e gus sguir a chluich is dhearbh e sin gu h-oifigeil ann an agallamh leis a' Phress and Journal, taobh a-muigh.
"Chluich mi a' mhòr-chuid den t-seusan mu dheireadh is mi air mo ghoirteachadh mun chruachainn is bha e doirbh dhomh coiseachd 'son là no dhà às dèidh gach geama," thuirt Roddy.
"Cha b'urrainn dhomh trèanadh ceart is chan eil e air fàs dad nas fheàrr. Tha e cuideachd air fàs trom a bhith a' siubhal à Glaschu gach seachdain.
"Ma gheibh mi fut is ma tha an sgioba gann cuidichidh mi ach tha mi an dòchas gum gum bi iad glan às m' aonais.
"Tha mi an dòchas cuideachadh leis an dàrna sgioba ach bidh sin a rèir mar a tha mo chruachann."
Aig an dearbh àm, dh'innis manaidsear Chaol Bhòid Grant Profit nach bi Seumas Pringle aca am-bliadhna is an Sgitheanach a' dol a dh'Astràilia, is gum bi Liam Arnott a-mach fad an t-seusain is e air a ghoirteachadh.
Thuirt Profit ge-tà, gu bheil e ag amas air an sgioba a neartachadh is gu bheil e misneachail mun t-seusan ùr.