Manaidsearan a' Ghearasdain air an dreuchdan fhàgail

Tha Neil Robertson ag ràdh gun robh e toilichte le adhartas a' Ghearasdain
- Air fhoillseachadh
Thàinig naidheachd air an deireadh-sheachdain cuideachd gu bheil Neil Robertson is Alan Knox air seasamh sìos mar cho-mhanaidsearan a' Ghearasdain.
Ghabh an dithis an stiùir aig deireadh 2022 is an cluba dìreach air tuiteam a-mach às a' Phrìomh Lìog.
Chrìochnaich iad san treas àite san Lìog Nàiseanta ann an 2023 mus do bhuannaich iad e ann an 2024.
Am-bliadhna bha seusan air leth aca air ais sa Phrìomh Lìog is iad anns an rèis airson an tiotail gu na seachdainean mu dheireadh.
Ràinig iad cuideachd cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais ann an 2024 - a' chiad chuairt dheireannach aca aig àrd-ìre ann an còrr is 10 bliadhna.
A' bruidhinn às dèidh a' gheama an aghaidh Chinn a' Ghiùthsaich Disathairne, thuirt Neil Robertson gun robh e gu math toilichte le adhartas an sgioba, ged a bha e duilich nach do rinn iad a' chùis air cupa a thogail.
Thuirt e gur e sin an dùbhlan 'son 2026.
Ann am brath air na meadhanan-sòisealta, thug an cluba fhèin taing dhan dithis.
Thuirt iad gun robh iad air ùine mhòr a chosg air an sgioba is air an cluba a thilleadh gu àrd-ìre.