Corky is Kings air an dòigh le tiotal eile
Rinn manaidsear Chinn a' Ghiùthsaich moladh mòr air an sgioba aige is iad air Prìomh Lìog na h-iomain a bhuannachadh a-rithist.
'S e seo an còigeamh tiotal aca ann an sreath.
Bha droch aimsir air dàil a chur air deireadh an t-seusain ach fhuair Kings mu dheireadh thall na bha a dhìth orra Disathairne le buaidh 2-0 air a' Ghearasdan aig an Àird, gan togail os cionn Bhaile Ùr an t-Slèibh gu bàrr na lìge.
Tha e a' toirt gu ceann seusan anns an do bhuannaich Ceann a' Ghiùthsaich cuideachd Cupa MhicThàmhais is Cupa MhicAmhlaigh.
Ged a bha briseadh-dùil aca ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd nuair a chaill iad 3-2 ris a' Bhaile Ùr, tha Iain 'Corky' Borthwick ag ràdh gun robh fìor dheagh sheusan aca.