Srath Chura-Dùn Omhain is Caol-Gleann a' dol còmhla

Geama roimhe eadar Caol-Gleann is Srath ChuraTùs an deilbh, Srath Chura-Dùn Omhain/Caol-Gleann
  • Air fhoillseachadh

Tha crathadh a' tighinn air iomain ann an Comhghall ann an Earra-Ghàidheal agus Srath Chura-Dùn Omhain gu bhith a' cluich mar an dàrna sgioba aig Caol-Gleann.

Chaidh Srath Chura còmhla ri Dùn Omhain ann an 2022 is duilgheadasan air a bhith aig an dà chluba anns na bliadhnaichean ron sin sgioba a chur air a' phàirc gu cunbhalach.

Ged a tha iad air a bhith a' farpais bhon uairsin, rinn an cluba tagradh ùr an-uiridh 'son taice is iad ag ràdh gun robh tàire aca cluicheadairean gu leòr fhaighinn.

Tha Caol-Gleann faisg air làimh air adhartas iongnatach a dhèanamh anns na seusanan mu dheireadh is iad am-bliadhna gus cluich sa Phrìomh Lìog 'son a' chiad turas nan eachdraidh.

'S iad ge-tà, an aon sgioba aig an ìre sin aig nach robh dàrna sgioba.

Fon aonta ùr cluichidh Srath Chura-Dùn Omhain fon ainm sin fhèin agus air an dà phàirc anns gach baile mar a bha, ach 's e an dàrna sgioba aig Caol-Gleann a bhios annta.

Tha dùil gum faigh iad buannachd bho chluicheadairean òga à Caol-Gleann is feadhainn a tha air iomall na sgioba, is bho thaobh Caol-Gleann fhèin gur e dòigh a th' ann geamaichean fhaighinn gu cunbhalach 'son nan cluicheadairean sin.

Thuirt Srath Chura-Dùn Omhain gun tàinig an co-dhùnadh às dèidh chòmhraidhean eadar cluicheadairean bho gach cluba agus le Comann na Camanachd.

"Bheir seo cothrom dha na clubaichean adhartas a dhèanamh air is far na pàirce, agus nas cudromaiche buileach bidh slighe ann do chluicheadairean òga ann an Comhghall gus ìre cho àrd 's a ghabhas a ruighinn," thuirt Srath Chura-Dùn Omhain.

"Dhuinn fhìn cuideachd bheir e dhuinn àireamhan cinnteach 'son an t-seusain ri tighinn, rud a tha cho cudromach às dèidh nan duilgheadasan a bh' againn am-bliadhna".

Thuirt Caol-Gleann cuideachd gun neartaich an gluasad suidheachadh gach cluba, is thog iad cuideachd air slighe do chluicheadairean òga san sgìre.

Tòisichidh an seusan ùr sa Mhàrt.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte