
Là eachdraidheil sa Mhàrt is sgioba ùr aonaichte Srath Chura-Dùn Omhain a' cluich a' chiad gheama fharpaiseach aca.
Ann an seusan nuair a ghlac Ceann a' Ghiùthsaich na cinn-naidheachd is iad a' buannachadh a h-uile dad, bha mar a thill ainmean Shrath Chura is Dùn Omhain gu farpais am measg sgeulachdan eile aig ìre nas ìsle a bha, nan dòigh fhèin, a cheart cho cudromach do dh'iomain.
Nuair a thathas a' bruidhinn air iomain is Srath Chura, chan fhada mar as trice mus till an còmhradh gu 1983 agus an turas iongantach nuair a thàinig an cluba cianail faisg air Cupa na Camanachd a bhuannachadh.
Le dìreach corra mhionaidean air fhàgail sa chuairt dheireannaich, bha Srath Chura 2-1 air thoiseach air Caol Bhòid is am fear-aithris ainmeil Dàibhidh Francey a-mach air "shinty history in the making".
Mar a tha fios, anns na diogan mu dheireadh 's iad Caol Bhòid a bhuannaich an geama 3-2, rud a tha goirt do chuid air bruaichean Loch Fìne fhathast.
Ach ged a tha an dualchas làidir, mar iomadach cluba eile, cha robh an còmhnaidh na h-àireamhan, is tha Srath Chura air a bhith nan tàmh aig amannan anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
'S e sin a dh'fhàg ann an 2022 gun deach Srath Chura còmhla ri cluba eile faisg air làimhe - Dùn Omhain - cluba nas òige, ach a bha cuideachd a' faighinn tàire le àireamhan.

Srath Chura sa chuairt dheireannaich de Chupa na Camanachd aig Pàirc a' Chlaiginn ann an 1983.
'S e dòigh a bha seo sgioba fhaighinn air a' phàirc gach seachdain. Gu cudromach, tha e a' toirt targaid cuideachd do dh'òigridh san dà sgìre is fios aca gum biodh cothrom aca air iomain fharpaiseach aig ìre inbheach ma chumas iad orra.
Ged a tha na gnothaichean bunaiteach a tha ag adhbhrachadh nan duilgheadasan le cion àireamhan - taigheadas gu ìre mhòir, ach cuideachd rudan eile - fhathast ann, thill na clubaichean san riochd ùr is chaidh gu math leotha.
Tha an dà thaobh a-nise ag ràdh gu bheil iad glè thoilichte le cùisean is gun cùm iad orra còmhla.
"Bidh sinn gu cinnteach a' leantainn le Srath Chura-Dùn Omhain ann an 2023 - agus tha mi an dùil pìos math seachad air sin", dh'innis Roddy Cairns à Dùn Omhain.
"Tha an dà chluba gu math toilichte leis mar a dh'obraich e is tha sinn a' coimhead air adhart ris an àm ri teachd", thuirt e.

Thill iomain gu Srath Chura Mòr is geamaichean air an roinn eadar seo is Dùn Omhain.
Le a bhith a' dèanamh sin, tha na clubaichean cuideachd a' cur clach air càrn fhir a bha gu mòr an sàs ann an iomain ann an Srath Chura agus sa cho-bhanntachd ùr le Dùn Omhain.
Chluich Cailean Camshron do Shrath Chura ann an 1983 mar dheugaire. Bha e air falbh grunn bhliadhnaichean às dèidh sin le obair, ach nuair a thill e a Chomhghall ghabh e an stiùir mar chathraiche.
Nuair a bhruidhinn BBC Naidheachdan ris sa Ghearran 2022, bha e air a dhòigh gun robh Srath Chura gus tilleadh còmhla ri Dùn Omhain.
Bha seo garbh cudromach, dh'innis e, airson na coimhearsnachd is nan daoine a chaidh roimhe.
"Tha e dìreach snog a bhith gam faicinn a' cluich. Thàinig a' mhòr-chuid den ghinealach agamsa à dualchas iomain. Chluich m'athair is feadhainn eile roimhe is bha e mar sin dhan a h-uile duine.
"Tha e fìor a thaobh gach cluba gun do dh'obraich tòrr dhaoine gu cruaidh is gu saor-thoileach 'son iomain a chumail a' dol thar nam bliadhnaichean, is bhiodh e cho duilich sin a leigeil seachad.
"Tha sinn ga dhèanamh dhaibhsan cuideachd, gu ìre mhòir. Tòrr dhiubh, chan eil iad còmhla rinn tuilleadh ach tha sinn a' cuimhneachadh orra.
"Tha iomain nar n-anam", dh'innis e.

Cailean Camshron na chluicheadair airson Shrath Chura.
Chunnaic Cailean Camshron toradh a chuid obrach le iomain a' tilleadh gu Srath Chura, ach 's mòr an call a bh' ann dha theaghlach, dhan choimhearsnachd, agus gu iomain san fharsaingeachd, nuair a chaochail e às t-samhradh às dèidh dha fàs tinn gu h-obann.
Tha Srath Chura-Dùn Omhain is mar a tha iomain fharpaiseach a' dol san sgìre às ùr a-nise na phàirt dha dhìleab.
"Bhiodh Cailean an còmhnaidh a' togail air cho math 's a bha na làithean sin nuair a fhuair Srath Chura gu cuairt dheireannach Chupa na Camanachd", dh'innis an t-eòlaiche iomain, Ùisdean MacIllinnein.
"Cò aig a tha fios nach dèan iad rudeigin mar sin anns an ùine fhada, gum bi iad air ais aig àrd-ìre.
"Ach aig an ìre seo, 's e an rud as fheàrr as urrainn dhaibh dèanamh mar thaing dhan obair mhòr a rinn Cailean, agus aig toiseach na h-aiseirigh a tha seo le Srath Chura-Dùn Omhain, 's e dìreach a bhith a' cumail na sgioba a' dol, is a bhith ga neartachadh beag air bheag.
"Bhiodh e gu math toilichte faicinn an-dràsta gun do rinn iad an slighe tron chiad sheusan is gu bheil saoghal ùr fhathast romhpa".
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh4 Am Màrt 2022
