BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»Ioma-rud
Turas a Lunnainn
Aig a' mhionaid
mu dheireadh

Air chall
Tòimhseachain-
tarsainn

Dè tha iad a'
faireachdainn?

Tagh toiseach
Tagh deireadh
Dealbhan le facail

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Dè thuirt Sìne

Am Pìobaire Piullach
Èist

Tha fios againn:

  • cò na càractaran a tha san stòiridh, agus tha fios againn

  • dè an coltas a th' orra san stòiridh.

Ach chan eil fhios agamsa fhathast

  • dè thachair anns an stòiridh.



Am Mèirleach MosachÈist

Nuair a bhios tusa a' sgrìobhadh stòiridh, smaoinich:

  • cò tha gu bhith agad san stòiridh, agus

  • dè tha a' dol a thachairt.

'S nuair a thòisicheas tu a' sgrìobhadh, innis:

  • dè thachair an toiseach

  • dè thachair an uair sin — anns a' mheadhan

  • agus dè thachair aig an deireadh.




CaraideanÈist

Nuair a tha thusa a' sgrìobhadh stòiridh, feumaidh tu smaoineachadh mu dheidhinn:

  • ciamar a tha thusa a' faireachdainn?

  • carson a tha thu a' faireachdainn mar sin?

  • agus ciamar a tha na daoine eile sa stòiridh a' faireachdainn?


Feumaidh tu cuideachd sgrìobhadh:

  • dè a bha iad a' smaointinn, agus

  • carson a bha iad a' smaointinn mar sin.



Madainn Fhàda aig a' Phort-adhairÈist

Cuimhnich thusa ma tha thu a' sgrìobhadh stòiridh, 's tu ag iarraidh sealladh a thoirt air àite sònraichte, sgrìobh sìos:

  • cait' a' bheil thu an toiseach

  • coltas an àite

  • na dathan a th' air

  • agus a mheud.
  • Dè chunnaic thu?
  • Dè chuala tu?
  • An robh fàileadh ann?
Innis tuilleadh mun àite agus dè bha thu a' smaoineachadh mu dheidhinn. Feumaidh mise an sealladh agadsa fhaicinn nam inntinn. Mar sin, thoir dhomh nas urrainn dhut de dh' fhiosrachadh agus cleachd dòighean annasach airson am fiosrachadh tha sin a thoirt seachad.





An Leumadair LaghachÈist


Ma tha thusa a' dol a sgrìobhadh stòiridh mu àite sònraichte, smaoinich agus innis mun àite far an do thachair an stòiridh. Dè na rudan a tha timcheall ort?

Smaoinich mu dheidhinn nan speuran — a bheil e soilleir, no dorcha?

  • Ciamar a tha thusa a' faireachdainn?

  • Dè a tha thu a’ smaoineachadh mu dheidhinn

  • Cuin a thachair an stòiridh?


An uairsin leudaich do stòiridh. Tha mi 'n dòchas gum bi spòrs agad a' sgrìobhadh mu àiteachan iongantach.





Uamh nan Reubairean
Èist


Nuair a bhitheas tusa a' sgrìobhadh stòiridh mu dheidhinn àite,

  • feumaidh tu an t-aite fhaicinn nad inntinn fhèin

  • feumaidh tu innse cò ris a tha an t-àite coltach agus

  • dè a tha thu a’ faireachdainn mu dheidhinn.


Feumaidh tu cuideachd innse ciamar a tha na caractaran eile a’ faireachdainn mu dheidhinn an àite shònraichte seo. Feumaidh tusa dealbh a dhèanamh dhen àite le faclan.






Dè Bha Siud?
Èist


Tha ioma dòigh air tòiseachadh air stòiridh:

  • faodaidh an toiseach a bhith coltach ris a' chòrr dhen stòiridh. Tha an toiseach ga do dhèanamh deiseil airson na stòiridh
  • no faodaidh an toiseach a bhith ao-coltach ris a' chòrr dhen stòiridh

Dè an dòigh as fheàrr leatsa?





An Oiteag Annasach
Èist


Nuair a bhios tusa a' sgriòbhadh stoiridh, an dèidh dhut "An Toiseach" a sgrìobhadh, smaoinich dè a tha a' dol a thachairt dha na caractaran agad an uair sin.

Cuimhnich cuideachd gur e na cararctaran agadsa a th'annta agus faodaidh tu rud sam bith a dhèanamh leotha. Nach eil sin math!

Agus cuimhnich gu feum "Deireadh" a bhith agad san stòiridh cuideachd. Chan fhaod thu na caractaran agad fhàgail anns "A' mheadhan." Na daoine bochda!

Speuradair 44R -
Leabhar-latha a' Chaiptein
Èist

Ma tha thusa a' sgrìobhadh mu phlanaid ùr, faodaidh i a bhith coltach agus aocoltach ris an t-saoghal againne 'S dòcha gum bi beanntan innte agus craobhan - ach bidh iad a'coimhead eadar-dhealaichte.

'S dòcha gu bheil daoine no beathaichean air a' phlanaid — ach 's urrainn dhaibh rudan neònach a dhèanamh mar a dhol air iteig, no a bhith beò fon uisge. No 's dòcha gu bheil iad a' coimhead annasach.

'S dòcha gu bheil innealan annasach, no biadh mì-àbhaisteach air a' phlanaid. Cuidichidh e thu ma smaoinicheas tu ort fhèin air a' phlanaid.

Smaoinich dè na rudan a bu toigh leat fhaicinn no dhèanamh nam biodh tusa air planaid ùr?





Geòcair na CoilleÈist

Ma tha thusa airson stòiridh thraidiseanta a sgrìobhadh, an toiseach feumaidh tu èisteachd gu math ri diofar stòiridhean. Cluinnidh tu mu dheidhinn charactaran iongantach coltach ri sìthichean, fuamhairean, troichean, uilebheistean, eich-uisge agus maighdeanan-mara. Uaireannan bidh creutair seunta annta mar leomhann no eala no ròn.

Feumaidh tu smaoineachadh air:

  • càit an do thachair an stòiridh
  • cò na caractaran a tha gu bhith anns an stòiridh
  • agus dè a thachair anns an stòiridh.

Uaireannan bidh an aon seòrsa rud a’ tachairt a-rithist agus a-rithist. Innis an stòiridh agad dha do charaid. Bruidhinn mu deidhinn, agus is dòcha gum bi deagh smuaintean aig do charaid a dh'fhaodas tu a chur dhan sgeulachd cuideachd.



Clar-innseFaidle nam FacalStoraidhean RuairidhDe thuirt SineTidsearan is ParantanM`Ioma-rud fhin


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy