BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»Ioma-rud
Turas a Lunnainn
Aig a' mhionaid
mu dheireadh

Air chall
Tòimhseachain-
tarsainn

Dè tha iad a'
faireachdainn?

Tagh toiseach
Tagh deireadh
Dealbhan le facail

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Am Pìobaire Piullach

Am Pìobaire Piullach Aig trì uairean feasgar, thàinig fear air baidhsagal-rèiseadh a-steach tro gheata na pàirce. Air a cheann bha clogaid ghobach dhubh. Bha briogais ghoirid air, lèine-T dhathach agus speuclairean-grèine. Shaoileadh tu gu robh e a' trèanadh airson an Tour de France.

Faisg air an taigh-glainne, nochd boireannach le aodann coibhneil còir. Bha an t-aodach geal a bh' oirre glan agus sgiobalta. Bha brògan geala oirre agus bha baga aice na làimh. A rèir choltais, 's e nurs a bha innte.

Timcheall oisein an taigh-ghlainne thàinig fear na ruith. Bha brag cruaidh aig a bhrògan dubha air an rathad. Bha a stocainnean geala a' tuiteam sìos a chasan agus bha an t-èileadh aige a' placadaich sìos agus suas. Bha seacaid chlò air agus fo achlais bha pìob-chiùil. Bha cabhag mhòr air oir bha còir aige a bhith cluich aig banais aig trì uairean.

Bha feòrag bheag ghlas a' fuireach ann an craoibh ri taobh an taigh-ghloinne. Nuair a chunnaic i am pìobaire a' tighinn, leum i sìos air a ghualainn. Ghabh am pìobaire eagal a bheatha. Thuit a’ phìob aige. Thuit e fhèin tarsainn air a' phìob is bhuail e anns an nurs a bha a' coiseachd seachad. Thuit ise cuideachd.

"O mo chreach", dh' èigh an nurs.
"Aobh, aobh", dh' èigh am pìobaire. "Tha mise air mo ghlùin a ghearradh. Cuidich mi, 's e nurs a
th' annad. Cuidich mi."

Ach cha b’ e nurs a bh' innte. 'S ann a bha aodach nurs oirre a chionn 's gun robh i a' dol gu pàrtaidh culaidh-choimheach aig taigh a caraid. "Cuidichidh mise thu", thuirt fear a' bhaidhsagail nuair a ràinig e. "'S e nurs a th' annam-sa. Tha mi ag obair anns an ospadal air taobh thall na pàirce. Bidh mi a' dol a dh'obair air mo bhaidhsagal a h-uile là. Agus chuir an nurs cheart bann air glùin a' phìobaire.


Clar-innseFaidle nam FacalStoraidhean RuairidhDe thuirt SineTidsearan is ParantanM`Ioma-rud fhin



About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy