BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»Ioma-rud
Turas a Lunnainn
Aig a' mhionaid
mu dheireadh

Air chall
Tòimhseachain-
tarsainn

Dè tha iad a'
faireachdainn?

Tagh toiseach
Tagh deireadh
Dealbhan le facail

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Fiosrachadh do Thidsearan agus Phàrantan

Tha làrach Ioma-rud a’ tairgsinn taic a thaobh sgrìobhadh mac-meanmnach aig Ìre B.

Tha i ag amas air clann a chuideachadh gu :
  • bun-bheachdan a thoirt gu buil
  • taghadh asta na tha iomchaidh
  • an toirt air adhart le leudachadh air teacsa ann an dòighean freagarrach
  • beachdachadh leis an tidsear agus / no an co-aoisean
  • ath-dhreachd a thoirt gu buil

5-14 Sgrìobhadh (Stiùireadh Nàiseanta t.d.22 )

’S ann air Sgrìobhadh aig Ìre B a tha an làrach seo a’ cuimseachadh, gu h-àraidh air na h-iallan:
  • Sgrìobhadh o mac-meanmna

Mar a Chleachdar làrach Ioma-rud
Tha duilleagan na làraich air an cruthachadh mar gum biodh sgoilearan ag obair air an iris Ioma-rud a chì iad anns na prògraman telebhisein.

Às dèidh dhaibh gach gnìomh a choileanadh, faodaidh a’ chlann an obair a chlò-bhualadh. Aig ceann gnothaich bidh pasgan de dh’ochd duilleagan aca .Faodaidh iad Ioma-rud pearsanta a dhèanamh le bhith gan cur am broinn nan duilleagan aghaidh agus cùil a lorgar anns an roinn M’Ioma-rud fhìn.

Faidhle nam Facal
Tha leth cheud prìomh fhacal bhon t-sreath telebhisein ann am Faidhle nam Facal. Còmhla ri gach prìomh fhacal tha taghadh de cho-fhaclan agus ghnàthasan-cainnt a bhios feumail dhaibh.

Bheir Faidhle nam Facal taic ann a bhith a’ cur crìoch air obair na làraich. Faodar cuideachd a chlò-bhualadh agus a chleachdadh air leth bhon làraich.

Notaichean Tidseir
Tha na notaichean a tha a’ dol an cois sreathan rèidio agus telebhisein Ioma-rud rim faotainn air làrach BBC Alba, cuide ri notaichean airson gach prògram foghlaim a tha air Craoladh nan Gaidheal.

Stòiridhean Ruairidh
Tha na deich stòiridhean a bha anns na programan telebhisein, Ioma-rud, rim faotainn air làrach Ioma-rud. Faodar an cur an clò.

Dè thuirt Sìne?
An seo chì sibh agus cluinnidh sibh na molaidhean agus na prìomh phuingean-stiùiridh air sgrìobhadh mac-meanmnach a thug Sìne, neach-deasachaidh Ioma-rud do Ruairidh, an sgrìobhaiche, anns na prògraman telebhisein.

‘S e cuimhneachan a tha an seo do sgoilearan air cuid de na nithean dom feum iad aire a thoirt nuair a bhios iad a’ sgrìobhadh stòiridh macmeanmnach.



Clar-innseFaidle nam FacalStoraidhean RuairidhDe thuirt SineTidsearan is ParantanM`Ioma-rud fhin


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy