|  |  |  | Caraidean
B’ e caraidean a bha ann an Lasaidh agus ann am Bob. Bha iad air a bhith a' fuireach còmhla ann an taigh Eilidh bho bha Lasaidh beag, bìodach.
B’ e cù mòr dubh agus geal a bha ann am Bob. Shaoileadh tu gun robh e greannach aig amannan ach cha robh. B’ e cù ciallach a bh' ann. Bha e tric agus dragh air mu charaid, Lasaidh.
B’ e cuilean beag, geal a bh' ann an Lasaidh. Bha i òg agus, aig amannan, amaideach. Bhiodh i daonnan a' falbh astar bhon taigh. "Chan eil scot aice", bhiodh Bob ag ràdh ris fhèin. "Thèid i air chall là brèagha air choreigin".
Agus mar a thuirt Bob, b’ ann a thachair. Thàinig eun beag buidhe a-steach do ghàrradh Eilidh aon là. Chaidh Lasaidh a chluich còmhla ris ach dh' fhalbh an t-eun is stad e air an fheansa taobh thall an rathaid. Lean Lasaidh. Dh' fhalbh an t-eun a-rithist. Ma dh' fhalbh, dh' fhalbh agus Lasaidh. Lean i an t-eun o àite gu àite, na b’ fhaide 's na b’ fhaide air falbh bho ghàrradh Eilidh.
Dh' fhàs i dorch. Bha Bob a' faireachdainn iomagaineach. Càite an robh Lasaidh? Carson nach robh i a' tilleadh dhachaigh? Smaoinich Bob gum feumadh e a dhol air a tòir.
Bha an oidhche nise dubh dorch. Bha cùram mòr air Bob. Bha beagan eagail air cuideachd, ach dh' fheumadh e a bhith treun. Ruith e an ear agus an iar, gu tuath agus gu deas gus an robh e fhèin a' faireachdainn fann le sgìths.
An uairsin chuala e comhart bheag. Stad e. Dh' èist e gu furachail. Chuala e comhart bheag lag eile. Chaidh e air adhart agus shìos aig bonn toll grannda dubh, lorg e Lasaidh bhochd. Bha i fuar is salach. Bha i air chrith leis an eagal. Bha i fann leis an acras. Ach bha i air a dòigh nuair a chunnaic i Bob.
|
|