|  |  |  | 
B e là brèagha grianach a bha ann. Bha gaoth gu leòr a' sèideadh air Loch Fada airson an seòl a lìonadh. Bha mi fhìn is Miocaidh air a' bhòrd-gaoithe. Bha mise nam sheasamh air a' bhòrd-gaoithe agus grèim agam air an t-seòl dhaithteach. Bha srioban purpaidh agus uaine air. Bha mi cho toilichte. Bha Miocaidh na shuidhe gu sona, dòigheil air a' bhòrd air mo chùlaibh. 'S toil leis a bhith air a' bhòrd-gaoithe.
Bha mi fhìn is Miocaidh glè dhòigheil a' seòladh gu socair eadar dà eilean air Loch Fada. Gun fhiosta, thàinig oiteag làidir gaoithe. Thog a' ghaoth am bòrd-gaoithe suas dhan iarmailt. Bha sinn gus a dhol à cochall ar cridhe. Ach chùm mise grèim teann air crann a' bhùird agus chùm Miocaidh grèim teann air mo chasan.
Ach an uairsin bha sinn a' faireachdainn coltach ri eun mòr air iteig. Choimhead mi sìos agus chunnaic mi sealladh mìorbhaileach. Bha sinn a' seòladh os cionn Caisteal Dhùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach. An uairsin, thog oiteag mhòr gaoithe eile sinn. Bha sinn a' dol thairis air a' Chuan Siar agus a-null gu Aimeireaga. Dè an uairsin a bha shìos gu h-ìosal ach an Statue of Liberty. Bha sinn ann an New York.
Choimhead mi sìos agus bha cuideigin a' dol thairis air Eas Niagara ann am baraille. An ath rud thàinig oiteag gaoithe eile agus thug i sinn tarsainn a' chuain a-rithist dhan Roinn Eòrpa. Chunnaic sinn Tùr Eiffel anns an Fhraing.
Shiab a' ghaoth sinn a-nis tarsainn a' Chuain Shasannaich, os cionn Lùchairt ann an Lunnainn agus tuath a-rithist. Bha sinn a-nis ag itealaich os cionn Alba. Bha an t-acras oirnn agus bha sinn ag iarraidh dhachaigh. Ach bha a' ghaoth fhathast gar siabadh. Bha sinn os cionn Caisteal Inbhir Nis.
Thuit a' ghaoth agus thàinig am bòrd sìos gu clis. Càite an robh sinn ach air Loch Nis! Agus cò bha sin a' cur failte oirnn? Cò ach Neasaidh agus truinnsear mòr cheapairean aice dhuinn!
|
|