|  |  |  | Madainn Fhàda aig a' Phort-adhair
Stad mi mo chàr faisg air post le 'B' mòr air, ri taobh càir faileasach dearg. Bhiodh cuimhne agam càite an robh e. Bha e leth-uair an dèidh deich. Choisich mi gu luath seachad air na càraichean eile sreath as dèidh sreath, uaine is dubh is gorm mar shaighdearan a' feitheamh ri gluasad.
Chuala mi fuaim mar tàirneanaich agus choimhead mi suas. Bha plèan a' cromadh às an adhar mar eala mhòr gheal a' tighinn sìos gu laighe air loch. Saoil an e seo am plèana aig Ros?
Chaidh mi tarsainn an rathaid gu doras glainne a' phuirt-adhair. Bha tagsaidhean dubha a' tighinn 's a' falbh. Bha daoine a' leum a-mach asta, a' tarraing mhaileidean is bhagaichean leotha. Bha cabhag air a h-uile duine.
Dh' fhosgail an dà dhoras gu slaodach is sàmhach mar gum biodh cùirtearan a' fosgladh air àrd-ùrlar. Choisich mi a-steach is chuala mi, "Cha bhi am plèan AS 203 à Sydney, Astràilia, a' laighe gu leth uair an dèidh meadhan-là.Tha sinn duilich mun dàil seo."
Choimhead mi air m' uaireadair. Dh' fheumainn feitheamh faisg air dà uair a thìde. Ciamar idir a chuirinn seachad an ùine? Lean mi orm a' coiseachd gu mall. Dh' fhairich mi fàileadh cùbhraidh cofaidh a' tighinn à cafaidh bheag. Cheannaich mi cupa. Bha e teth air mo theanga, ach gu math blasta. Shuidh mi sìos. Bha an stòl àrd, cruaidh agus mì-chofhurtail. Thug mi sùil mun cuairt.
A' dol suas aon staidhre, bha daoine ann an aodach làithean-saora le lèintean-T, briogaisean goirid, speuclairean grèine. Bha farmad agam riutha.
A' tighinn sìos staidhre eile, bha daoine cabhagach a' bruidhinn air fònaichean-làimhe. Bha daoine a' coinneachadh agus bha daoine a' dealachadh. Chuala mi "Fàilte" agus "Beannachd leat". Bha mise leam fhìn, fhathast a' feitheamh. Thug mi sùil eile air m' uaireadair. Uair a thìde fhada aonranach eile ri dhol.
Dh' fhairich mi làmh air mo ghualainn. Chlisg mi. Chuala mi guth."Ciamar a tha thu a Ruaraidh?" Choimhead mi mun cuairt. Cò bha sin ach Ros. "Thàinig mi air plèana eile," thuirt e, "tha mi air a bhith seo bho leth-uair an dèidh deich ag òl cofaidh."
|
|