|  |  |  | Speuradair 44R - Leabhar-latha a' Chaiptein
Latha a h-Aon den bhliadhna 3443.
Tha mi air bòrd an t-soithich-fànais Speuradair 44R. Tha mi air chall anns an iarmailt. Chan eil biadh no uisge air fhàgail. An-dè, chunnaic mi planaid fad às agus tha mi a' dèanamh oirre a-nise.
Latha a dhà. Ceithir uairean.
Tha sinn a-nise faisg air a' phlanaid ùir. Tha i iongantach. Tha na beanntan purpaidh le sneachda buidhe air am bàrr. Tha abhainn phinc a' dol gu loch dhearg. Tha na craobhan gorm. Tha a' phlanaid mar bhogha-froise!
Latha a dhà. Sia uairean feasgar.
Tha mi shìos air a' phlanaid ùir. Fhuair mi deoch ri òl mu dheireadh, uisge pinc às an abhainn. Tha e sgoinneil, cho milis, tha e mar banana ged a tha e pinc! Tha seòrsa de dh'ùbhlan gorm air na craobhan ach chan eil iad math idir. Tha iad cruaidh agus tha droch bhlas orra. Tha cuideigin a' tighinn ...
Latha a dhà. Seachd uairean feasgar.
Choinnich mi ri duine a tha a' fuireach air a' phlanaid. 'S e Iògan an t-ainm a tha air. Dh'innis e dhomh gur e Ioma-dhath an t-ainm a tha air a' phlanaid. Thàinig Iògan gu Ioma-dhath air soitheach-fànais iomadh bliadhna air ais.
Rinn e gaothaire draoidheil a bha a' toirt blas math air na measan gorm, piodsa no cèic no rud sam bith a tha thu ag iarraidh. Ach dh' ith e cus de na measan gorma agus dh' fhàs e fhèin gorm, air fad. Cha b' urrainn dha a dhol air ais dhan t-Saoghal mar sin.
Latha a trì. Meadhan-latha.
Seo an Caiptean a-rithist. Bha mi ag obair air a' ghaothaire dhraoidheil aig Iògan fad na h-oidhche. Leis an sgriuthaire draoidheil agam. Agus tha mi a-nise deiseil. Càite bheil Iògan gus am faic mi a bheil an gaothaire ag obair ceart?
Latha a ceithir. Uair feasgar.
Dh'obraich e! Shèid mi an gaothair air Iògan airson trì mionaidean air gach taobh. Thionndaidh e air ais chun an datha a bha e an toiseach. Tha mi fhèin is e fhèin a-nise a' dol air ais còmhla dhan t-saoghal againn fhèin oir tha fhios aig Iògan air an t-slighe.
|
|