BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»Ioma-rud
Turas a Lunnainn
Aig a' mhionaid
mu dheireadh

Air chall
Tòimhseachain-
tarsainn

Dè tha iad a'
faireachdainn?

Tagh toiseach
Tagh deireadh
Dealbhan le facail

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

An Leumadair Laghach

An Leumadair Laghach Air là brèagha samhraidh‚ rinn duine beag, caol, le feusag ghlas trì dealbhan àlainn air an t-sràid. 'S e eala‚ macao agus leumadair a bha annta. Bha mi a’ coimhead gu dian air dealbh an leumadair. Shaoil leam gun robh e beò agus‚ nam inntinn‚ lean mi e a-mach dhan mhuir. Bha mi aoibhneach.

Shnàmh sinn gu siùbhlach agus leum sinn an-àirde a-mach às a' mhuir. Bha sinn a’ lùbadh agus a' daibheadh sìos gu domhainn. Shnàmh sinn air feadh an t-saoghail. Bha solas na grèine a' deàlradh oirnn aig amannan. Chunnaic sinn ochd-chasach am measg nan creagan air grunnd na mara. Chunnaic sinn sgeirean làn dhathan agus èisg. Chaidh muc-mhara mhòr, fhada seachad oirnn gu sàmhach‚ coltach ri sgòth dhorcha san adhar.

An uairsin‚ faisg air na tropaigean far a bheil an cuan blàth‚ ràinig sinn àite iongantach. Bha an cuan cho soilleir ris an là. Chitheadh tu fada romhad‚ agus chunnaic sinn duine a' tuiteam dhan mhuir. Thilg spùinneadairean borb, gun truas, e thairis air cliathaich an t-soithich!

Chunnaic sinne an truaghan a' tuiteam sìos dhan ghrunnd agus a' feuchainn ri dìreadh suas gu uachdar na mara. Cha b' urrainn dha sin a dhèanamh‚ ach chaidh sinne sìos ga chuideachadh. Air aon taobh dheth‚ bha an leumadair ga phutadh suas le shròin. Bha mise a' snàmh air an taobh eile dheth‚ agus chuir mi mo ghualainn fodha. Thog sinn e gu socair chun an uachdair.

Chunnaic sinn bàt'-iasgaich a' dol seachad. Shnàmh sinn a-null‚ a' putadh an duine romhainn. Nuair a ràinig sinn am bàta, chunnaic na h-iasgairean sinn agus thog iad air bòrd e. Thill sinne air ais dhan bhaile seo fhèin. Chrath an leumadair earball rium agus chaidh e air ais dhan dealbh. Phut am fear a rinn an dealbh mi‚ agus, gu h-obann, bha mi air ais air an t-sràid.


Clar-innseFaidle nam FacalStoraidhean RuairidhDe thuirt SineTidsearan is ParantanM`Ioma-rud fhin



About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy