|  |  |  | Geòcair na Coille
Aon là bha mise nam shuidhe faisg air oir na coille‚ ag ithe grèim bìdh. Gu h-obann‚ ruith balachan òg a-mach às a’ choille faisg orm. Bha pocan aige na làimh. Bha e a’ stad gu tric is a’ sealltainn air a chùlaibh. Thuirt mi rium fhèin‚ "Tha eagal air a' bhalachan."
B’ e balachan òg a bha ann agus bha briogais agus lèine ruadh, shean-fhasanta air. Ach ged a bha e a' ruith, cha robh eagal air idir. 'S ann a bha e aoibhneach‚ toilichte. Dh'fhosgail e am pocan. Agus bha dearcan dearga ann.
Bha blas annasach orra. Milis agus searbh. Bha pailteas dhiubh aig meadhan na coille. Bhuain am balach na ceudan‚ ach theab e gun gin fhaighinn dha fhèin. Thuirt am balachan rium‚ "Bidh Geòcair, Geòcair na Coille, a' goid nan dearcan bhuam cho luath is a bhuaineas mi iad. Ma tha thu ag iarraidh fhaicinn‚ chì thu e sa choille an-dràsta."
Chaidh mi a-steach dhan choille. Bha dùil agam gum faighinn sealladh dhen Gheòcair agus gun cuirinn ceistean air. Bha mise cho beag agus bha na craobhan cho mòr. Bha solas na grèine a' bualadh thall 's a-bhos. Chunnaic mi na dearcan agus thòisich mi air am buain!
Bha Geòcair na Coille an-siud romham Bha e cho beag agus bha an smiogaid aige air a liacradh le sùgh nan dearcan! Bha aodach teann buidhe air agus bha e a’ bocadaich agus ag ràdh:
Hith-hoth, failili-oth! Ithidh mise na dearcan sin! Togaidh mi às do phòcaid iad! Cho luath ‘s a bhuaineas tusa iad! Hith-hoth, failili-oth!
Thuirt mise ris, "A Gheòcair, tha thu sanntach, millteach, mosach! Tha thu a' goid nan dearcan agam! Ach cuiridh mise air falbh thu ma lorgas mi rudeigin a nì sin."
Càite am faigh mi rudeigin a ruaigeas Geòcair na Coille? Gheibh mi slat às a' chraoibh seo! Agus thuirt a’ chraobh, "Ceart. Ach mus dèan mi dhutsa sin, thoir thusa thugam rudeigin a ghearras mi."
Ach càite fon ghrèin am faigh mi rud a ghearras slat, a ruagas Geòcair, mus sluig e mo chuid dhearcan? Chùm mi orm a' coiseachd anns a' choille agus an uairsin chunnaic mi tuagh.
Thuirt an tuagh, "Mise tuagh a ghearras slat. Ach mus dèan mi dhutsa sin, thoir thusa thugam rudeigin a ghleusas mi."
Ach càite fon ghrèin am faigh mi rud a ghleusas tuagh, a ghearras slat, a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan?
Chuala mi guth. "Mise clach a ghleusas tuagh. Ach mus dèan mi dhutsa sin, thoir thusa thugam rudeigin a fhliuchas mi."
Càite fon ghrèin am faigh mi rud a fhliuchas clach, a ghleusas tuagh, a ghearras slat, a ruaigeas Geòcair mus sluig mo chuid dhearcan?
Chùm mi orm a' coiseachd gus an do ràinig mi loch. "Mise loch uisge a fhliuchas clach. Ach mus dèan mi dhutsa sin, thoir thusa thugam rudeigin a shnàmhas mi."
Càite fon ghrèin am faigh mi rud, a shnàmhas loch uisge, a fhliuchas clach, a ghleusas tuagh, a ghearras slat, a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan?
"Mise fiadh a shnàmhas loch uisge. Ach mus dèan mi dhutsa sin, thoir thusa thugam rudeigin a sgiùrsas mi."
Ach càite fon ghrèin am faigh mi rud a sgiùrsas fiadh, fiadh a shnàmhas loch, a fhliuchas clach, a ghleusas tuagh, a ghearras slat, a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan?
"Mise cù a sgiùrsas fiadh. Ach mus dèan mi dhutsa sin, thoir thusa thugam rudeigin a shlìobas mo chasan."
Càite fon ghrèin am faigh mi rud a shlìobas cù, a sgiùrsas fiadh, a shnàmhas uisge, a fhliuchas clach, a ghleusas tuagh, a ghearras slat, a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan?
"Mise ìm a shlìobas cù. Ach mus dèan mi dhutsa sin, thoir thusa thugam rudeigin a sgrìobas mi."
Càite fon ghrèin am faigh mi rud a sgrìobas ìm, a shlìobas cù, a sgiùrsas fiadh, a shnàmhas uisge, a fhliuchas clach, a ghleusas tuagh, a ghearras slat, a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan?
"Mise luch a sgrìobas ìm. Ach mus dèan mi dhutsa sin, thoir thusa thugam rudeigin a shealgas mi."
Càite fon ghrèin am faigh mi rud a shealgas luch, a sgrìobas im, a shlìobas cù, a sgiùrsas fiadh, a shnàmhas uisge, a fhliuchas clach, a ghleusas tuagh, a ghearras slat, a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan?
"Mise cat a shealgas luch. Ach mus dèan mi dhutsa sin, thoir thusa thugam rudeigin a dh' òlas mi."
Càite fon ghrèin am faigh mi ruda dh’ òlas cat, a shealgas luch, a sgrìobas ìm, a shlìobas cù, a sgiùrsas fiadh, a shnàmhas uisge, a fhliuchas clach, a ghleusas tuagh, a ghearras slat, a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan?
"Mise bò a bheir bainne a dh’ òlas cat. Ach, mus dèan mi dhutsa sin, thoir thusa thugam rudeigin a chagnas mi."
Càite fon ghrèin am faigh mi rud a chagnas bò a bheir bainne, a dh òlas cat, a shealgas luch, a sgrìobas ìm, a shlìobas cù, a sgiùrsas fiadh, a shnàmhas uisge, a fhliuchas clach, a ghleusas tuagh, a ghearras slat, a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan?
"Mise croitear a bheir coirce a chagnas bò. Ach mus dèan mi dhutsa sin, thoir thusa thugam bonnach blàth ri ithe." Càite fon ghrèin am faigh mi bonnach blàth dha croitear a bheir coirce, a chagnas bò, a bheir bainne, a dh òlas cat, a shealgas luch, a sgrìobas ìm, a shlìobas cù, a sgiùrsas fiadh, a shnàmhas uisge, a fhliuchas clach, a ghleusas tuagh, a ghearras slat, a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan?
"Mise còcaire a nì bonnach blàth dha croitear. Ach mus dèan mi dhutsa sin, lìon am bòbhla sin le bùrn a fhliuchas a’ mhin dhomh, a dh'fhuineas am bonnach."
Tha toll anns a’ bhobhla! Cha ghlèidh e deur! Ciamar a bheir mi bùrn gu còcaireann ann am bobhla le toll air? Cuiridh mi crèadh ann!
Bha mi a’ ruith le, bùrn gu còcaire, bonnach gu croitear, coirce gu bò, bainne gu cat.
Agus sealgaidh cat luch. Sgrìobaidh luch ìm. Slìobaidh ìm cù. Sgiùrsaidh cù fiadh. Snàmhaidh fiadh uisge. Fliuchaidh uisge clach. Gleusaidh clach tuagh. Gearraidh tuagh slat,a ruaigeas Geòcair mus sluig e mo chuid dhearcan! An uair a thill mise leis an t-slait‚ bha Geòcair na Coille air spreadhadh! Cha robh sgeul air!
|
|