BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»Ioma-rud
Turas a Lunnainn
Aig a' mhionaid
mu dheireadh

Air chall
Tòimhseachain-
tarsainn

Dè tha iad a'
faireachdainn?

Tagh toiseach
Tagh deireadh
Dealbhan le facail

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Uamh nan Reubairean

Uamh nan Reubairean Aon là grianach bha triùir ghillean a' cluich gu dòigheil air tràigh bhrèagha gheal. Bha iad a' cluich ball-coise. Anns na creagan rin taobh bha uamh mhòr dhubh - Uamh nan Reubairean.

"Tadhal do dh'Alba a' tighinn!" dh'èigh Pòl. Thug e breab chruaidh don bhall. Ach an àite a dhol seachad air Dòmhnall, a bhràthair beag, chaidh am ball às an t-sealladh a-steach air beul Uamh nan Reubairean. "Tiugainn. Feumaidh sinn a dhol air a thòir." thuirt Crìsdean.

Bha i dorcha agus tais anns an uaimh. Mu dheireadh dh'fhàs na sùilean aca eòlach air an dorchadas. "Cha toigh leamsa seo idir," thuirt Dòmhnall Beag ."Tha an t-eagal orm". Bha tòrr smodail anns an uaimh. Smodal a bhiodh an làn a' fàgail as a dhèidh.

"'S dòcha gun do dh'fhàg na reubairean ulaidh anns an uaimh!", thuirt Pòl. "Ma gheibh sinne e, bidh sinn beairteach," thuirt Crìsdean. "Tha mise ag iarraidh dhachaigh" thuirt Dòmhnall Beag.

Thòisich iad ri rùrach am measg an smodail. Lorg iad botail phlastaig agus pìosan maide agus pìosan lìn-iasgaich, crogain mheirgeach agus seann bhrògan. Ach cha d' fhuair iad càil prìseil. Bha na gillean mòra coma. Bha seo na b' fheàrr na ball-coise. "Seall," dh'èigh Pòl, 's e a’ smèideadh le bioran maide a bha caran coltach ri claidheamh. "'S e reubaire a th' annamsa! Sìn dhomh an t-airgead air neo caillidh tu do bheatha." Agus thòisich an t-sabaid eadar e fhèin agus Pòl.

Ach, o mo chreach! Cha robh cuimhne aca air an uair. Bha an làn a' tighinn a-steach agus a’ sìor èirigh. "Tha mo chasan fliuch." thuirt Dòmhnall Beag le iomagain mhòir air. "Um, tha, agus mo chasan-sa." thuirt Pòl. "Seall! Tha an t-uisge a' tighinn a-staigh dhan uaimh. Tha an làn ag èirigh! " Ruith iad gu beul na h-uamha ach bha iad glacte. Chan fhaigheadh iad a-mach.

Dhìochuimhnich Pòl agus Crìsdean mu bhith nan reubairean. Bha an uamh a-nis dorcha agus fliuch agus oillteil. Dè am fuaim a bha siud? Dè bh’ ann? An e radain a bh' ann? No reubairean air tilleadh? Bha an t-eagal mòr orra a-nis. Agus bha an t-uisge a' fàs domhainn.

Air ais aig a’ bhaile bha na pàrantan a' gabhail fadachd nach robh na gillean a' tilleadh. Mu dheireadh chaidh muinntir a' bhaile a choimhead air an son. Bha iad air a' mhachaire faisg air an uaimh.

Anns an uaimh bha an t-uisge a-nis suas gu glùinean Dhòmhnaill agus a’ sìor èirigh. "Dè nì sinn? An snàmh sinn a-mach?" dh'fhaighnich Crìsdean.
"Chan urrainn dhomhsa snàmh," thuirt Pòl. "Thalla sibhse. Fuirichidh mise an seo."
"Chan fhalbh," thuirt Crìsdean , "Chan fhàg sinn idir thu." Thòisich Dòmhnall Beag a’ rànaich.

Bha cù chaorach shuas gu h-àird air a’ bhearradh os cionn na h-uamha. Dh'aithnich e an guth aig Dòmhnall. Thòisich an cù ri comhartaich agus thàinig na daoine nan ruith. Chuala iad Dòmhnall Beag a’ rànaich. Thuig iad càite an robh na gillean. Chaidh iad nan cabhaig agus chuir iad a-mach eathar. Agus nuair a shàbhail iad na gillean, mura biodh gun robh Dòmhnall Beag na shuidhe air gualainn Phòil bhiodh e cha mhòr fodha.


Clar-innseFaidle nam FacalStoraidhean RuairidhDe thuirt SineTidsearan is ParantanM`Ioma-rud fhin



About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy