|  |  |  | 
Bha a' choille dubh dorcha. Bha a h-uile càil sàmhach. Fada air falbh am measg nan craobh chuala Coinneach sgread chaillich-oidhche. Leig cridhe Choinnich leum às leis an eagal.
Choimhead e mun cuairt air, air gach taobh. Ach chan fhaca e dad anns an dorchadas. Dìreach an uair sin, chuala e brag. Brag mar maide a' briseadh. Mar duine a' seasamh air meanglan craoibhe. Chuala e a-rithist e. 'O, mo chreach!" dh'èigh Coinneach. Agus rinn e às sìos an rathad aig peilear a bheatha.
Chuala e fuaim air choreigin eile. Dè bha siud? B e fuaim ruith a bha ann. Cuideigin a' ruith as a dhèidh! Ruith Coinneach na bu luaithe. Bha e a dol mar an dealanaich a-nise.
Chuala e am fuaim ud a-rithist. Mar duine a' ruith às a dhèidh. Bha anail Choinnich na uchd. Bha e gus a dhol à cochall a chridhe leis an eagal. Mu dheireadh, cha b' urrainn dha dhol na b fhaide. Bha e cho sgìth ris a' chù.
Stad Coinneach agus sheall e mun cuairt air. Cha robh càil ri fhaicinn. Cha robh càil ri chluinntinn na bu mhò. Dìreach an uair sin, thuit am bioran a bha aige na làimh. Rinn e brag. Diog no dhà as dèidh sin, chuala Coinneach brag eile, brag dhen aon seòrsa, a' tighinn às a' choille.
Bha fhios aig Coinneach a-nise dè a thachair. Dh'èigh e "Haoi!" As dèidh diog no dhà, chuala e "Haoi!" a' tighinn air ais. 'S e mac-talla a bha ann. Bha am fuaim a' tighinn air ais bho na craobhan. B e fuaim nan casan aige fhèin a bha e a' cluinntinn fad an t-siubhail. Rinn Coinneach gàire mòr agus choisich e air a shocair air ais dhachaigh às a' choille.
|
|