BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

BBC Homepage
Scotland
Alba
Foghlam
»Ioma-rud
Turas a Lunnainn
Aig a' mhionaid
mu dheireadh

Air chall
Tòimhseachain-
tarsainn

Dè tha iad a'
faireachdainn?

Tagh toiseach
Tagh deireadh
Dealbhan le facail

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

Am Mèirleach Mosach

Am Mèirleach Mosach Chaidh duine neònach a-steach dhan bhanca. Bha còta fada air agus ad mhòr dhubh sìos mu shùilean.Bha e a' coimhead mun cuairt air gu frionasach.

Choisich an duine suas chun an deasga na chabhaig, a' putadh nan sèithrichean às a rathad gu crosta. "Haoi!" dh' èigh e àird a chlaiginn nuair a ràinig e an deasg. Chlisg an nighean a bha air cùl an deasga. Ghabh i eagal a beatha.

"Thoir dhomh an t-airgead," dh' èigh am mèirleach. Le làmhan a bha air chrith, lìon an nighean am poca le airgead. Spìon am mèirleach bhuaipe am poca. Rinn am mèirleach a-mach às a' bhanca aig peilear a bheatha. Theab e duine a leagail air an rathad a-mach.

Chuir am mèirleach a chas air an rùsg banana gun fhios dha. Thuit e le brag agus leig e èigh às. Chuir e car a' mhuiltein dheth sìos an rathad, car as dèidh car as dèidh car, gus an do ràinig e fàradh.

Bha Poilidh am Poilis shuas air an fhàradh a' feuchainn ri cat a thoirt a-nuas às a' chraoibh. Thuit Poilidh air a' mhèirleach. Leig e èigh eile às. "O, mo chreach!" thuirt e. "Carson a tha a h-uile càil a' dol ceàrr ormsa?" Agus dh' fhalbh Poilidh leis dhan phrìosan.


Clar-innseFaidle nam FacalStoraidhean RuairidhDe thuirt SineTidsearan is ParantanM`Ioma-rud fhin



About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy