Obair a' leantainn air an MV Corran

An MV Corran air Caolas a' Chorrain
  • Air fhoillseachadh

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun till einnseanairean tràth an ath-sheachdain gus crìoch a chur air obair-chàraidh air an MV Corran.

Bidh an MV Maid of Glencoul a' fuireach air an t-slighe san eadar-ama.

Chaidh an Corran a thoirt a-mach à seirbheis air an 12na den Mhàrt is trioblaid theicnigeach air tighinn am bàrr.

Bha seo dìreach là às dèidh dhi tilleadh is i air a bhith san doc 'son seirbheis bhliadhnail.

Dh'innis Comhairle na Gàidhealtachd gun tàinig einnseanairean sònraichte bhon chompanaidh Voith an t-seachdain sa chaidh gus obair-chàraidh a dhèanamh.

Bha feum air pàirtean eile, thuirt an t-ùghdarras ionadail, is tha dùil a-nise gun till na h-einnseanairean Diluain seo tighinn gus an obair a chrìochnachadh.

Fuirichidh am Maid of Glencoul air an t-slighe fhad 's a tha an obair sin a' leantainn.

Thuirt a' chomhairle gum bu chòir do luchd-siubhail a bhith mothachail nach eil am Maid a' gabhail na h-uimhir de charabadan is gu bheil i a' toirt beagan nas fhaide a' dol thairis air a' chaolas.

Thabhainn iad leisgeul airson an t-suidheachaidh.

Tha sreath de thrioblaidean a' bualadh air seirbheis Aiseag a' Chorrain anns na bliadhnaichean mu dheireadh is an dà aiseag air briseadh sìos tric.

Nas tràithe air a' mhìos seo, thòisich obair-leasachaidh luach £58m gus am bun-structar a th' ann a leasachadh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' togail dà laimrig ùr, a thuilleadh air goireasan leasaichte eile gach ceann an aiseig.

Thèid bàt'-aiseig ùr dealain fhaighinn airson an t-slighe a fhrithealadh aon uair 's gu bheil am bun-structar ùr ann an àite.

Tha gearanan air a bhith san sgìre mu cho fada 's a tha e a' toirt gnothaichean a leasachadh, is tha cuid air iarraidh gun tèid ceangal stèidhichte a thogail, seach a bhith an eisimeil aiseig.