Cobhair air triùir luchd-coiseachd an Gleann Comhann

Beanntan air an còmhdachadh le sneachd is Sgioba Teasairginn Bheanntan Ghleann Comhann air a dhol an sàsTùs an deilbh, Sgioba Teasairginn Bheanntan Ghleann Comhann
  • Air fhoillseachadh

Rinn Sgioba Teasairginn Bheanntan Ghleann Comhann cobhair air triùir luchd-coiseachd is aonan dhiubh air tuiteam ann an aimsir gu math geamhradail.

Dh'innis an sgioba gun d' fhuair iad fios gun robh neach air tuiteam is iad a' coiseachd còmhla ri dithis eile air Bidean nam Bian.

Bha tàire aig an dithis eile faighinn thuca is iad fhèin air tuiteam is air uidheamachd a chall.

Às dèidh do bhuill na sgioba teasairiginn an triùir a lorg, cho-dhùin iad gum biodh e fìor dhuilich coiseachd far na beinne leotha is chaidh taic iarraidh bho heileacoptair teasairginn bho Phreastabhaig.

Beanntan air an còmhdachadh le sneachd is Sgioba Teasairginn Bheanntan Ghleann Comhann air a dhol an sàsTùs an deilbh, Sgioba Teasairginn Bheanntan Ghleann Comhann

Ged a thàinig an heileacoptair, cha robh e comasach loidhne a chur sìos airson an luchd-coiseachd a thogail air bòrd, is an criutha ag ràdh gun robh aig an dearbh àm cuideigin ag amas air an heileacoptair le gath leusair.

Thuirt an sgioba teasairginn gun do rinn iadsan an gnothach air a' cheann thall air coiseachd far na beine leis an luchd-coiseachd.

Dh'innis iad gun do mhair an iomairt còrr is deich uairean a thìde uile gu lèir.