"Tha mi ag iarraidh gum bi a' Ghàidhlig àbhaisteach aig gach ìre san Oilthigh"

Isla Parker
- Air fhoillseachadh
Tha Manaidsear Leasachaidh ùr na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu ag ràdh gu bheil i airson 's gum bi an cànan àbhaisteach aig gach ìre san oilthigh.
Thòisich Isla Parker san dreuchd bho chionn mìos, às dèidh dhan obair a bhith bàn airson timcheall air bliadhna.
Tha i mar-thà air dearbhadh gun till sgeama Taigh na Gàidhlig aig an oilthigh le planaichean ann leasachadh a thoirt air.
Plana Gàidhlig
'S e a bhith ag obair air Plana Gàidhlig ùr Oilthigh Ghlaschu, a thèid a chur an sàs ann an 2027, am prìomh phròiseact a bhios aig Isla am-bliadhna.
Tha obair ri dhèanamh cuideachd air a' phlana a th' ann an-dràsta agus mar phàirt den sin tha i a' cur lìonra ùr air dòigh airson luchd-obrach.
"Tha sinn airson 's gum bi seo mar rud sòisealta ach cuideachd rud anns am b' urrainn dhan luchd-obrach beagan fiosrachaidh fhaighinn air mar as urrainn dhaibhsan Gàidhlig a bhrosnachadh sna sgiobaidhean aca agus sna roinnean aca," thuirt i.

Màiri NicIain
Tha buidheann Gàidhlig nan Oileanach, An Comunn Oiseanach, air fàilte mhòr a chur air Isla san dreuchd.
Thuirt iad gun robh dìth mhanaidseir airson timcheall air bliadhna air bacadh a chur orra le bhith a' cur thachartasan air dòigh.
"Tha e math gu bheil cuideigin air an taobh againne", thuirt Màiri NicIain, Ceannard a' Chomuinn Oiseanaich.
"Ma tha sinn a' feuchainn ri tachartasan a chur air dòigh, ma tha feum againne air cuideachadh le seòmraichean no a bhith a' lorg airgid, tha e math gu bheil taic againn bho thaobh an oilthigh."
Taigh na Gàidhlig
Bha cuid de dh'oileanaich tàmailteach nach deach sgeama Taigh na Gàidhlig aig an oilthigh air adhart ann an 2025/26, ri linn 's nach robh manaidsear leasachaidh ann airson a chur air dòigh.
Tron sgeama, bha oileanaich le Gàidlig a' faighinn cothrom fuireach còmhla agus bhiodh iad a' faighinn airgead airson an cuideachadh le màl a phàigheadh.
Tha Isla a-nise air a thòiseachadh às ùr agus tha an sgeama a-nis fosgailte airson iarrtasan.
"Tha sinn airson 's gum bi sinn a' leasachadh Taigh na Gàidhlig thar nam bliadhnaichean a tha romhainn," thuirt i.
"Tha sinn ag iarraidh gum bi an àireamh oileanach a tha an sàs ann an Taigh na Gàidhlig a' fas bho bhliadhna gu bliadhna."
Briseadh-dùil mòr an Glaschu mu Thaigh na Gàidhlig
- Air fhoillseachadh20 An Dàmhair 2025
Tha Màiri NicIain ag ràdh gur e deagh naidheachd dha-rìribh a th' ann gu bheil an sgeama a' tilleadh.
"Tha e uamhasachadh math gu bheil e gus tòiseachadh a-rithist," thuirt i.
"Gum bi dòigh ann daoine a thoirt còmhla agus gun cleachd iad Gàidhlig cho tric 's a ghabhas."
Ged nach eil Isla ach air ùr thòiseachadh san dreuchd, tha amasan soilleir aice.
"Tha mi ag iarraidh gum bi a' Ghàidhlig ri faicinn aig gach ìre san oilthigh," thuirt i.
"Tha mi ag iarraidh gum bi i ri cluinntinn, agus gum faod thu a dhol gu àite agus an cànan a bhruidhinn le cinnt gu bheil daoine eile ann aig a bheil i."