Briseadh-dùil mòr an Glaschu mu Thaigh na Gàidhlig

Aodhán MacRuaidhrí
LeEilidh NicÌomhair
BBC NaidheachdanAg aithris àGlaschu
  • Air fhoillseachadh

Tha oileanaich Ghàidhlig air Oilthigh Ghlaschu a chàineadh is iad ag ràdh gur e briseadh-dùil mòr a th' ann nach eil sgeama Tàigh na Gàidhlig a' ruith am-bliadhna.

'S e sgeama a th' ann a tha air a bhith a' dol fad grunn bhliadhnaichean is e a' toirt cothrom do dh'oileanaich le Gàidhlig a bhith a' fuireach còmhla.

Tha iomadh oileanach air innse thar nam bliadhnaichean cho feumail 's a bha an sgeama dhaibh.

Tha e sgrìobhte ann am Plana Gàidhlig Oilthigh Ghlaschu gun cum iad taic ri Taigh na Gàidhlig.

'S ann air oifigear leasachaidh Gàidhlig an Oilthigh a tha uallach an sgeama a ruith ge-tà, is leis an obair sin bàn an-dràsta tha an sgeama air a dhol na thàmh.

Taigh na Gàidhlig

Bha Aodhán MacRuaidhrí a' fuireach ann an Tàigh na Gàidhlig an-uiridh is bha e an dòchas cur a-steach air a shon a-rithist.

"Cothrom a bh' ann Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh nan clasaichean agam agus a' dèanamh biadh no a' cluich gheamanan òil aig pàrtaidh sa flat, bha e gu math feumail san dòigh sin," thuirt Aodhán.

"Cuideachd airson ceanglaichean ris a' Ghàidhlig ann an Glaschu a dhaingneachadh, choinnich mi ris an t-uamhas de dhaoine is mura robh mi an sàs ann an Taigh na Gàidhlig cha biodh an cothrom sin air a bhith agam."

Tha Aodhán ag ràdh gur e call mòr a th' ann nach eil cothrom air Tàigh na Gàidhlig am-bliadhna.

Oilthigh Ghlaschu

Tha e den bheachd gu bheil e a' togail cheistean nas fharsainge mu shuidheachadh na Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu.

"Chan e an roinn a tha seo idir ach Oilthigh Ghlaschu, tha iad gu math deònach Gàidhlig a chleachdadh airson tarraing dhaoine a-steach agus airson sanasachd.

"Ach nuair a thig e gu bhith a' cosg airgid air a' Ghàidhlig no a bhith a' brosnachadh na Gàidhlig, tha a' chuid as motha de dhaoine caran lag".

Dh'iarr BBC Naidheachdan beachd bho Bhòrd na Gàidhlig mun chùis.

Thuirt Stiùriche Leasachaidh a' Bhùird, Iain Mac a' Mhaoilein, gu bheil Oilthigh Ghlaschu a' dèanamh "obair mhath a thaobh taic a thoirt dhan Ghàidhlig".

Leabhran Oilthigh Ghlaschu

Tha Mgr Mac a' Mhaoilein ag ràdh gur e eisimpleir a tha ann air mar a tha feum air barrachd cùl-taice a chumail ri oifigearan leasachaidh.

"Tha sinn fhèin a' toirt taic dha oifigearan air feadh na dùthcha is tha an taic a tha sin deatamach airson obair a dhèanamh nach tig a dhèanamh mura bi an t-oifigear ann.

"Tha cunnart nuair a tha oifgearan a' fàgail cò tha a' dol a thogail na h-obrach?

"Leis gu bheil seo air tachairt is nuair a thig oifigear a-staigh dhan dreuchd, chanainn gum bi cothrom aig na h-oileanaich fhèin cur na beachdan aca fhèin air adhart air ciamar a bu chòir an sgeama a bhith air a ruith".

Thuirt Oilthigh Ghlaschu gu bheil iad a' cur romhpa Gàidhlig a leasachadh aig an oilthigh.

Tha iad ag ràdh gu bheil iad ag obair gus oifigear leasachaidh ùr fhastadh agus gur ann air an neach sin a bhios dleasdanas sgeama Taigh na Gàidhlig a thoirt gu buil an ath-bhliadhna.

Tuilleadh air an sgeulachd seo