Taic do cheangal stèidhichte air Caolas a' Chorrain

DrochaidTùs an deilbh, HITRANS
  • Air fhoillseachadh

Sheall suirbhidh aig ìre na coimhearsnachd taic airson ceangal stèidhichte a chur air dòigh tarsainn air Caolas a' Chorrain.

Chaidh an suirbhidh a dhèanamh am measg nan sia comhairlean coimhearsnachd a tha an eisimeil air Aiseag a' Chorrain.

Chaidh a sgaoileadh gu còrr is 1,000 dachaigh anns an sgìre.

Air a' cheann thall, dh'innis 54% de dhaoine gum b' fheàrr leotha ceangal stèidhichte seach aiseag mar fhuasgladh mhaireannach (641 gu 546).

Tha deasbad air a bhith ann mu cheangal stèidhichte - drochaid air neo tunail - thar nam bliadhnaichean, is dh'fhoillsich HITRANS aithisg mun ghnothach ann an 2020.

Tha teas air a dhol san deasbad sin anns a' bhliadhna mu dheireadh ge-tà, le duilgheadasan mòra ann le Aiseag a' Chorrain.

Bha am prìomh aiseag, an MV Corran, a-mach à seirbheis fad bliadhna, is sreath de thrioblaidean aig a' bhàta eile, an MV Maid of Glencoul, a dh'fhàg tric nach robh seirbheis do chàraichean idir ann, is uaireannan nach robh seirbheis sam bith ann.

Tha seo air buaidh mhòr a thoirt air muinntir an àite is gnothachasan ionadail.

Aiseag a' ChorrainTùs an deilbh, Martin Culbertson/Geograph

Thuirt cathraiche Comhairle Coimhearsnachd Àird Ghobhar, Mìchael Foxley, gu bheil e cudromach a-nise gun tèid fearann a ghèidheadh air gach taobh den chaolas gus am bi cothrom ann air ceangal stèidhichte san àm ri teachd.

"Bha dùil agam gum biodh an suirbhidh an ìre mhath faisg is bha, ach bha mòr-chuid ann do cheangal stèidhichte is tha seo a' tighinn bho na daoine air a bheil an suidheachadh a' toirt buaidh gu dìreach.

"Feumaidh sinn a-nise dìon a chur air an talamh gus nach nochd cuideigin airson taighean a thogail air", thuirt e.

Ach ged a bha mòr-chùid a' cur taic ri drochaid no tunail, tha Mgr Foxley ag ràdh gu bheil e follaiseach nach e rud a th' ann a thachradh an-diugh no a-màireach.

Thuirt e gu bheil feum air fuasglaidhean eile a chur an sàs anns an aithghearrachd.

"Feumaidh sinn ullachadh a dhèanamh mu choinneimh ceangal stèidhichte a bhith againn, can an ceann 20 bliadhna, ach 's e an rud as cudromaiche an-dràsta aiseag ùr dìosal fhaighinn.

"Tha dragh mòr oirnn gum bi sinn air ais san t-suidheachadh anns an robh sinn fad an t-Samhraidh, is tha sinn gu mòr airson is gun gluais Comhairle na Gàidhealtachd gus aiseasg ùr dìosal fhaighinn an-dràsta", thuirt e.

Dh'innis Mgr Foxley gun tèid iarrtas gus dìon a chur air fearann a chur gu Comhairle na Gàidhealtachd tro Phlana Ionadail Àird Ghobhar.