Atharrachadh a' tighinn air trì farpaisean mòra aig a' Mhòd Nàiseanta

'S iad Caitlyn Yule agus Fionnlagh Iain Morse a bhuannaich Buinn Òir a' Chomuinn Ghàidhealaich aig a' Mhòd ann an Loch Abar an 2025
- Air fhoillseachadh
Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail air atharrachadh a thoirt air trì de na farpaisean mòra aca.
Cha tèid comharran na maidne a chur ri comharran na h-oidhche tuilleadh ann am farpais a' Bhuinn Òir, farpais Bonn Òr an t-Seann Nòis, agus san Aigeallan Airgid.
Tha An Comunn Gàidhealach, a tha a' cur a' Mhòid air dòigh gach bliadhna, ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh seo le amas iarrtasan a leudachadh agus taic a chur ri farpaisich.
A thuilleadh air an seo, tha iad ag ràdh gu bheil iad airson cothromachd a bhrosnachadh agus inbhe nam farpaisean a ghlèidheadh.

Tha na trì farpaisean seo gam faicinn mar an fheadhainn às cliùtiche airson seinneadairean fa leth aig a' Mhòd.
Am measg nan seinneadairean ainmeil tha air an togail thar nam bliadhnaichean, tha Ruairidh Gray, Màiri Anna NicUalraig agus Raibeart MacDhonnchaidh.
Thuirt Peigi NicIllinnein, Àrd-oifigear a' Chomuinn Ghàidhealaich: "Ann a bhith a' toirt air falbh comharran nan ro-fharpaisean bho na cuairtean deireannach, tha e mar amas dhuinn nach bi uidhir de chuideam air farpaisich is gum bi e na thlachd dhaibh a bhith an sàs sa Mhòd."
"Tha sinn ag iarraidh gum bi a h-uile seinneadair cofhurtail is gun leasaich iad na sgilean aca tro na farpaisean,"thuirt i.
Thèid Mòd Nàiseanta na bliadhna sa a chumail san Dàmhair ann an Glaschu.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh17 An Cèitean 2024

- Air fhoillseachadh22 An Dàmhair 2025