'Caochladh bheachdan' air molaidhean am Mòd atharrachadh

- Air fhoillseachadh
Thuirt an Comunn Gàidhealach gun d' fhuair iad "farsainneachd" de bheachdan air na molaidhean aca airson cuid de na h-atharrachaidhean a bu mhotha riamh a thoirt air a' Mhòd.
Fo na molaidhean dheadh dà phrìomh fharpais a chur an lùib nam farpaisean còisir - tè do chòisirean mòra, agus tèile do chòisirean nas lugha.
Dh'fhaodadh cuideachd riaghailtean cuid de dh'fharpaisean a bhith air an atharrachadh gus am fosgladh suas gu nòsan ciùil eile - leithid barbershop agus musicals.
Dheadh na h-òrain ge-tà, eadar-theangachadh gu Gàidhlig.
Tha An Comunn, taobh a-muigh air a bhith a' conaltradh ri còisirean air na molaidhean.
"Tha na freagairtean air a bhith gu math farsainn agus bidh na beachdan sin air leth cuideachail tro na h-ath ìrean den chonaltradh.
"Bheir bòrd a' Chomuinn a-niste sùil mhionaideach air an fhiosrachadh, na beachdan agus na prìomh thèaman a tha a' nochdadh anns na freagairtean.
"An dèidh seo, thèid co-fhreagairt a chur a-mach air molaidhean às ùr sam bith, agus na dh'fhaodadh a bhith air a chur an sàs."
'S ann san Òban a thèid Mòd Nàiseanta Rìoghail na bliadhna seo a chumail, eadar an 11mh agus an 19mh là den Dàmhair.
'S e seo an 17mh Mòd a chaidh a chumail sa bhaile.
Feumaidh tagraidhean a bhith air an cur a-steach air-loidhne airson pàirt a ghabhail ann am farpaisean ron 31mh là den Chèitean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 An Gearran 2024
