An 'Old Maid' air ais ann an seirbheis

MV Maid of GlencoulTùs an deilbh, DOUG LEE/GEOGRAPH
  • Air fhoillseachadh

Tha an MV Maid of Glencoul air tilleadh gu seirbheis Aiseag a' Chorrain an dèidh a càradh.

Dhearbh Comhairle na Gàidhealtachd an naidheachd Dihaoine agus an soitheach - a tha a' cumail taic ris a' phrìomh bhàt-aiseig air an t-slighe - air a bhith briste.

Thachair seo agus an MV Corran fhèin air falbh airson a h-obrach càraidh bliadhnail san doca-thioram.

B' fheudar dà là de dheuchainnean mara a dhèanamh air an MV Maid of Glencoul mus robh cead aice tilleadh gu seirbheis.

'S e an 'Old Maid' a tha aig gu leòr san sgìre air an aiseag is i còrr is 50 bliadhna a dh'aois.

Tha muinntir Àird Ghobhar air a bhith a' gearain gun deach am fàgail uair eile às aonais seirbheis aiseig do chàraichean thar Chaolas a' Chorrain.

Cha robh ann ach seirbheis do luchd-coise a-mhàin.

Màiri Anna NicUalraig

A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan, thuirt Màiri Anna NicUalraig nach e "seirbheis choileanta" a tha an sgìre a' faighinn idir is nach eil earbsa idir aca gun tig piseach air cùisean an-diugh no a-màireach.

"Faodaidh tu tilleadh thugam ann an 2029 agus tha mi glè chinnteach gur e an aon chòmhradh a bhios againn", thuirt i air Aithris na Maidne.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gu bheil an clàr-ama àbhaisteach a-niste an sàs a-rithist bho 2:00f Dihaoine, ach thug iad rabhadh nach gabh am Maid of Glencoul uimhir de charbadan 's a ghabhas an MV Corran.

Tha dùil gun till an MV Corran on doca tràth an ath-bhliadhna agus dùil ri fios nas mionaidiche a thaobh sin san Fhaoilleach.

Cha bhi seirbheis thar Chaolas a' Chorrain Là na Nollaige no air an 26mh, no air a' 1d là no an 2na là den Fhaoilleach.

Dh'iarr an t-ùghdarras ionadail air daoine an leisgeul a ghabhail airson an t-suidheachaidh a th' air a bhith ann.

Tuilleadh air an sgeulachd seo